2.3 A’ toirt piseach air cothroman-beatha

Published 22/10/2021.  Last updated 27/10/2023
categoryGaelic

Performance and Outcomes tile highlightCuspairean:

  • Soirbheasach
  • Soirbheas airson a h-uile duine
  • Sgilean airson ionnsachadh, beatha agus obair

Sgead-dhealbh ìre 5:

Soirbheasach

Tha an tairgse CLD againn a’ meudachadh sunnd sòisealta, faireachail is corporra luchd-pàirteachaidh, agus tha i a’ toirt taic do cha mhòr a h-uile neach-pàirteachaidh agus coimhearsnachd a bhith soirbheasach. Tha luchd-ionnsachaidh ag aithris gu bheil iad a’ faireachdainn sàbhailte agus gu bheilear gan gabhail a-steach. Thathar a’ cur meas air, agus a’ toirt taic do, na còirichean aca. Tha iadsan a tha a’ fulang mì-shlainte no a tha fo ana-cothrom a’ gabhail pàirt agus a’ coileanadh an amasan cho math ’s a tha luchd-ionnsachaidh eile. Tha ro-innleachdan tràth-thaic agus ro-chasg gan cleachdadh gu h-èifeachdach gus feuman a tha ag èirigh a chomharrachadh agus a choileanadh agus gus cunnartan leithid iomallachd agus aonaranachd a lùghdachadh. Tha lìbhrigeadh phrògraman ionnsachaidh cha mhòr daonnan a’ freagairt ri feumalachdan luchd-ionnsachaidh. Tha luchd-ionnsachaidh a’ cur romhpa amasan soilleir airson an cuid ionnsachaidh, agus tha iad a’ faighinn taic mhath gus an coileanadh. Tha coileanaidhean luchd-ionnsachaidh air an aithneachadh agus air an comharrachadh agus, far a bheil e iomchaidh, air an creideasachadh. Tha builean airson cha mhòr a h-uile neach-ionnsachaidh a’ dol am feabhas, agus tha seo na atharrachadh-beatha airson mòran agus na shàbhaladh-beatha airson cuid.

Soirbheas airson a h-uile duine

Chan eil suidheachaidhean sòiseo-eaconamach nam ball coimhearsnachd na chnap-starra gu com-pàirteachadh ann an gnìomhachdan CLD. Tha sinn for-ghnìomhach ann a bhith ag obair le luchd-pàirt, coimhearsnachdan agus luchd-ionnsachaidh gus cnapan-starra gu com-pàirteachadh a lùghdachadh no a thoirt air falbh. Mar thoradh air sin, airson na feadhainn a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan agus suidheachaidhean a tha fon ana-chothrom as motha, tha buileachaidhean is coileanaidhean ag èirigh. Tha iad a’ sìor-shoirbheachadh aig reat a tha coltach ris na tha acasan nach bi a’ cur aghaidh air an uimhir de chnapan-starra. Tha sinn ag obair gu h-èifeachdach le luchd-pàirt gus neo-ionannachdan is ana-cothrom leanaltach agus siostamach a lùghdachadh, a’ gabhail a-steach obair gus a’ bheàrn coileanaidh is buileachaidh a tha ceangailte ri bochdainn a lùghdachadh. Tha na prògraman againn air an deagh amasadh, agus tha iad a’ toirt taic do dh’oidhirpean soirbheachail gus coimhearsnachdan ann an sgìrean ana-cothruim a chumhachdachadh agus ath-bheòthachadh. Tha seo a’ neartachadh choimhearsnachdan agus a’ lùghdachadh droch bhuaidhean air daoine fa leth, teaghlaichean agus coimhearsnachdan.

Sgilean airson ionnsachadh, beatha agus obair

Tha cha mhòr a h-uile neach-pàirteachaidh sna prògraman againn a’ faighinn eòlas is sgilean ùra a tha a’ coileanadh an àrd-mhiannan agus feumalachdan. Tha cha mhòr a h-uile gin dhiubhsan aig a bheil feumalachdan sònraichte, leithid na feadhainn a tha a’ sireadh cosnadh, a’ faighinn an eòlais, sgilean is misneach a tha a dhìth orra airson adhartas a dhèanamh. Thathar a’ toirt taic dhaibh gu h-èifeachdadh air chor ’s gum bi iad a’ tuigsinn an cuid sgilean is comasan, agus tha am misneach a’ sìor-dhol am meud gus na sgilean is comasan aca a chur an gnìomh ann an diofar shuidheachaidhean. Tha luchd-pàirteachaidh nas comasaiche ann a bhith a’ cleachdadh an cuid eòlais is sgilean gus buileachadh, coileanadh is soirbheachadh fhaighinn nam beathannan agus a bhith a’ cur ri agus a’ neartachadh nan coimhearsnachdan aca. Tha luchd-ionnsachaidh a’ gluasad gu furasta eadar solaraichean, a’ cleachdadh shlighean ionnsachaidh a tha air an deagh leasachadh, gus cothrom a ghabhail air na cothroman as freagarraiche airson nan amasan ionnsachaidh aca. Mar thoradh air sin, tha iad a’ dèanamh adhartas gu math a dh’ionnsaigh an àrd-amasan.

Ceistean dùbhlain:

  1. Dè cho math ’s a tha an tairgse CLD againn a’ cur ri sunnd corporra, sòisealta agus/no faireachail an luchd-phàirteachaidh?
  2. Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do in-ghabhaltas, a’ cur an aghaidh leth-bhreith, a’ comharrachadh chànanan is iomadachd agus a’ toirt air falbh cnapan-starra gu ionnsachadh is com-pàirteachadh ann an leasachadh coimhearsnachd?
  3. Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do luchd-ionnsachaidh de gach aois gus na còirichean daonna aca a thuigsinn?
  4. Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do chlann is daoine òga gus na còirichean aca a thuigsinn mar a gheibhear ann an Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean na Cloinne (UNCRC)?
  5. Dè cho math ’s a tha iadsan a tha fo ana-cothrom no air an dèanamh so-leònta leis a’ chomann shòisealta comasach air pàirt a ghabhail agus mar sin adhartas a dhèanamh?
  6. Dè cho math ‘s a tha an ro-innleachd tràth-thaice againn agus an ro-innleachd caisg againn a’ coileanadh feumalachdan dhaoine agus choimhearsnachdan?
  7. Dè cho math ’s a tha sinn a’ cuideachadh agus a’ comasachadh nan daoine a tha a’ fuireach ann an suidheachaidhean no coimhearsnachdan fon ana-cothrom as motha gus coileanadh a ruigsinn a ghabhas coimeasachadh ris na bhios iadsan a tha a’ fuireach anns na coimhearsnachdan fon ana-cothrom as lugha a’ ruigsinn?
  8. Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn ag obair le luchd-pàirt ann a bhith a’ dèiligeadh ri cnapan-starra gu com-pàirteachadh?
  9. Dè cho math ’s a tha sinn a’ gabhail a-steach luchd-pàirteachaidh ann an co-dhùnaidhean air an cuid ionnsachaidh, bheathannan agus choimhearsnachdan?
  10. Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn ag obair le sgoiltean agus solaraichean eile gus dèanamh cinnteach gum faigh clann is daoine òga cothrom air an taic a dh’fheumas iad gus coileanadh agus adhartas a dhèanamh?
  11. Ciamar a tha fios againn gu bheil clann, daoine òga agus inbhich a’ faighinn sgilean airson ionnsachadh, beatha agus obair?
  12. Dè cho math ’s a tha luchd-ionnsachaidh a’ faighinn cothrom air slighean ionnsachaidh a bhios a’ toirt taic dhaibh gus na h-amasan ionnsachaidh aca a choileanadh?
  13. Dè thathar air stèidheachadh gus measadh a dhèanamh air a’ bhuaidh a thig air coimhearsnachdan mar thoradh air luchd-ionnsachaidh a’ dèanamh adhartas sna h-amasan aca?