2.4 Buaidh air buidhnean a tha a’ faighinn taic no maoineachadh no a tha air an coimiseanadh

Published 22/10/2021.  Last updated 27/10/2023
categoryGaelic

Performance and Outcomes tile highlightCuspairean:

  • Conaltradh agus leasachadh
  • Dùbhlan agus gèilleadh
  • A’ co-phàirteachadh agus a’ cur ris

Sgead-dhealbh ìre 5:

Conaltradh agus leasachadh

Tha meas againn air, agus earbsa againn anns, na buidhnean a bhios a’ faighinn taic, maoineachadh no coimiseanadh bhuainn, agus tha an t-aon mheas is earbsa acasan annainn.  Tha sinn a’ conaltradh gu h-èifeachdach is gu h-èifeachdhail, agus tha sinn a’ toirt taic fhreagarrach is iomchaidh stèidhte air tuigse shoilleir air feumalachdan. Tha sinn a’ co-phàirteachadh chothroman ionnsachaidh agus a’ fosgladh suas cothroman leasachaidh do bhuidhnean agus do na daoine leis am bi iad ag obair. Tha an taic againn a’ meudachadh comas nam buidhnean a bhith a’ leasachadh agus a’ coileanadh an cuimsean, amasan agus targaidean. Tha seo ag adhbharachadh bhuaidhean deimhinneach agus seasmhach air na daoine is coimhearsnachdan leis am bi iad ag obair. Tha sinn ag ionnsachadh bho na buidhnean dom bi sinn a’ toirt taic, agus tha seo a’ neartachadh agus a’ leasachadh ar cleachdaidh.

Dùbhlan agus gèilleadh

Tha sinn a’ toirt dùbhlan iomchaidh stèidhte air fianais làidir agus fèin-luachadh. Tha sinn ag aithneachadh agus a’ comharrachadh soirbheasan nam buidhnean dom bi sinn a’ toirt taic. Tha seo a’ cuideachadh bhuidhnean a bhith a’ fàs, a’ leasachadh agus a’ cumail orra a’ coileanadh nam builean ris an robh dùil. Tha na bhios sinn a’ cur a-steach a’ meudachadh comas nam buidhnean dom bi sinn a’ toirt taic gu bhith meòrachail agus a bhith a’ coimhead a-mach agus air adhart. Tha seo a’ toirt cobhair dhaibh gu bhith a’ planadh agus a’ freagairt gu h-èifeachdach ri prìomhachasan làithreach, ionadail agus nàiseanta, agus a’ freagarrachadh ri feumalachdan atharrachail. Bidh sinn a’ toirt taic is stiùireadh iomchaidh agus bidh sinn a’ cumail sùil air gnothaichean gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile buidheann dom bi sinn a’ toirt maoin no a tha sinn a’ coimiseanadh, no far a bheil uallach oirnn air an son, a’ gèilleadh ri reachdas, riaghailtean, poileasaidhean agus stiùireadh buntainneach. Mar thoradh air sin, tha na buidhnean seo cha mhòr daonnan a’ coileanadh inbhean.

A’ co-phàirteachadh agus a’ cur ris

Tha sinn ag aithneachadh agus a’ luachadh na buaidhe, a bhios aig buidhnean dom bi sinn a’ toirt taic, air luchd-ionnsachaidh is coimhearsnachdan. Tha seo a’ gabhail a-steach cur ri leasachaidhean ionadail, agus nas fharsainge far a bheil sin iomchaidh, a’ gabhail a-steach planadh CLD. Tha na buidhnean seo air an deagh cheangal ri lìonraidhean, a’ gabhail a-steach an fheadhainn a bhios sinn a’ cur air dòigh no far a bheil sinn air an ceann. Is urrainn dhaibh comharrachadh agus cur an cèill dè an diofar a tha conaltradh ri lìonraidhean a’ dèanamh ris a’ chleachdadh aca. Tha sinn a’ toirt taic dhaibh le bhith a’ cleachdadh rannsachadh, beachd-smuaintean ùr-ghnàthach agus deagh chleachdadh bho àitichean eile gus slatan-tomhas fhaighinn airson, agus piseach a thoirt air, an cuid cleachdaidh. Is urrainn dhuinn dearbhadh gu bheil aig cha mhòr a h-uile buidheann dom bi sinn a’ toirt taic comas nas fheàrr a bhith a’ lìbhrigeadh, a’ cumail suas, a’ freagarrachadh no a’ meudachadh solar mar thoradh air cur a-steach bhuainn.

Ceistean dùbhlain

  1. Dè an ìre gu bheil na buidhnean dom bi sinn a’ toirt taic riaraichte leis na seirbheisean a bhios sinn a’ solarachadh?
  2. Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ conaltradh ri buidhnean dom bi sinn a’ toirt taic?
  3. Dè cho math ’s a tha sinn a’ tuigsinn nam feumalachdan taice is leasachaidh a tha aig na buidhnean dom bi sinn a’ toirt taic?
  4. Dè cho soirbheachail ’s a tha sinn a’ cleachdadh chothroman leasachaidh is trèanaidh gus comas a thogail am measg bhuidhnean agus an cuid luchd-obrach agus saor-thoilich?
  5. Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ brosnachadh bhuidhnean dom bi sinn a’ toirt taic gu bhith cruthachail is ùr-ghnàthach agus gu bhith a’ leasachadh dhòighean-obrach ùra gus feumalachdan atharrachail a choileanadh?
  6. Dè c ho fiosraichte ’s a tha sinn gus cothromachadh iomchaidh a thoirt seachad de dhùbhlan a bharrachd air taic?
  7. Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do bhuidhnean a bhith a’ cumail suas ri, agus a’ coileanadh, reachdas, riaghailtean, còdan obrachaidh, poileasaidhean agus stiùireadh?
  8. Dè an fhianais a tha againn gu bheil a’ bhuidheann a’ cur ri leasachaidhean ionadail, roinneil agus nàiseanta mar thoradh air an taic againn? Ciamar a tha an cur a-steach bhuainn air taic a thoirt don chomas a tha aca airson seo a dhèanamh?
  9. Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ toirt taic do lìonraidhean airson malairt bheachd-smuaintean, beachdachadh air rannsachadh agus co-phàirteachadh fiosrachaidh is eòlais?
  10. Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do choimhearsnachdan gus an t-eòlas is sgilean a leasachadh leis am faod iad cumail orra a bhith èifeachdach is èifeachdail agus a’ leasachadh an cuid comais a bhith a’ leasachadh bheathannan is choimhearsnachdan?