3.1 Stiùireadh agus taic
Cuspairean:
- Planadh obrachaidh
- Conaltradh ri luchd-ùidhe
- Luchd-obrach agus saor-thoilich
Sgead-dhealbh ìre 5:
Planadh obrachaidh
Tha sinn air pròiseasan làidir a stèidheachadh airson planadh, lìbhrigeadh agus lèirmheas a dhèanamh air seirbheisean agus gnìomhachdan. Tha na planaichean obrachaidh againn soilleir, so-thomhas, iomchaidh agus co-chrochach. Tha iad a’ comharrachadh phrìomhachasan nàiseanta is ionadail agus planaichean ro-innleachdail, a’ gabhail a-steach planaichean com-pàirteachais, coimhearsnachd agus CLD. Tha iad a’ toirt deagh stiùireadh do luchd-obrach, luchd-pàirt agus luchd-ùidhe gus seirbheisean a lìbhrigeadh agus a leasachadh còmhla. Thathar a’ toirt taic do luchd-obrach is saor-thoilich gu h-èifeachdach gus na dreuchdan aca, agus na h-uallaichean a tha orra, a thuigsinn agus a choileanadh. Tha iad an sàs agus a’ gabhail pàirt ann am planadh airson leasachadh a tha eagarach agus èifeachdach, a’ gabhail a-steach tro amannan atharrachaidh. Tha seo a’ dèanamh cinnteach gu bheilear gu soilleir a’ co-phàirteachadh na h-aon lèirsinne agus faireachdainn de shealbhadaireachd.
Conaltradh ri luchd-ùidhe
Tha luchd-obrach, saor-thoilich, luchd-pàirt, luchd-ionnsachaidh agus luchd-ùidhe eile gu cunbhalach a’ cluiche pàirt ghnìomhach ann an cruthachadh phlanaichean lìbhrigidh agus lèirmheas a dhèanamh orra. Tha iad misneachail gus dùbhlan cuideachail a thoirt air cleachdadh agus air pròiseasan planaidh, a chum leasachadh a chuideachadh agus a bhrosnachadh. Tha pròiseasan èifeachdach agus èifeachdail againn airson conaltradh a dhèanamh ri luchd-ùidhe, a’ gabhail a-steach an fheadhainn a dh’fhaodadh a bhith iomallaichte. Tha fianais shoilleir againn air mar a tha luchd-ùidhe an sàs ann a bhith a’ toirt cumadh do phlanadh is lìbhrigeadh nan seirbheisean againn a bharrachd air cumail sùil orra. Bidh anailis siostamataigeach air fios air ais bho luchd-pàirteachaidh agus luchd-ùidhe nas fharsainge, a’ gabhail a-steach am fèin-fhiosrachadh, cha mhòr daonnan a’ toirt stiùireadh do chleachdadh agus do phlanadh leasachaidh, nì a bhios gu cunbhalach ag adhbharachadh bhuilean nas fheàrr.
Luchd-obrach agus saor-thoilich
Thathar air poileasaidhean is modhan-obrach soilleir a stèidheachadh gus cuideachadh a thoirt do chleachdaidhean cothromach airson fastadh, sunnd agus obair a thaobh luchd-obrach agus shaor-thoileach. Tha luchd-obrach is saor-thoilich a’ cur earbsa ann am manaidsearan, agus tha manaidsearan a’ dèanamh conaltradh riutha gu soillier, gu cunbhalach agus gu math. Tha dòighean-obrach mhanaidsearan sùbailte gu leòr a bhith a’ toirt fa-near feumalachdan is suidheachaidhean atharrachail, fhad ’s a thathar fhathast a’ toirt seòladh soilleir. Tha sinn a’ toirt seo fa-near anns a’ phlanadh againn airson an fheachd-obrach. Tha a h-uile neach-obrach is saor-thoileach a’ faighinn marasgladh cunbhalach, a bhios a’ toirt ìrean iomchaidh de dhùbhlan, taic agus cothroman airson leasachadh proifeiseanta is pearsanta. Tha luchd-obrach agus saor-thoilich a’ faireachdainn gu bheilear a’ toirt meas dhaibh agus a’ cur earbsa annta a bhith a’ toirt riosgan stiùirichte gus builean a leasachadh. Mar thoradh air na cleachdaidhean seo, tha luchd-obrach agus saor-thoilich gu cunbhalach a’ lìbhrigeadh sheirbheisean de dh’àrd-chàileachd aig am bi buaidhean deimhinneach air luchd-ionnsachaidh, coimhearsnachdan agus, far a bheil e iomchaidh, buidhnean a tha a’ faighinn taic, buidhnean maoinichte no buidhnean ballrachd.
Ceistean dùbhlain:
- Dè cho math ’s a tha na planaichean obrachaidh againn a’ co-thaobadh ri prìomhachasan nàiseanta is ionadail agus planaichean ro-innleachdail, a’ gabhail a-steach planaichean CLD?
- Dè cho math ’s a tha na planaichean obrachaidh againn a’ co-thaobhadh ri prìomhachasan nàiseanta leithid Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean na Cloinne (UNCRC), Ionnsachadh airson So-sheasmhachd agus planadh nàiseanta airson Gàidhlig?
- Dè cho soilleir ’s a tha na poileasaidhean is modhan-obrach againn? Ciamar a tha fios againn gu bheil luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-ùidhe eile gan tuigsinn agus gan cur an gnìomh?
- Ciamar a tha fios againn gu bheil na planaichean is poileasaidhean againn a’ coileanadh nam builean ris an robh dùil airson luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan?
- Ciamar a tha fios againn gu bheilear a’ co-phàirteachadh na h-aon lèirsinne am measg cheannardan, luchd-obrach agus saor-thoilich?
- Dè cho math ’s a tha luchd-obrach, saor-thoilich, luchd-pàirt agus luchd-ùidhe an sàs ann a bhith a’ dealbhachadh phlanaichean agus a’ dèanamh lèirmheas orra?
- Dè cho math ’s a tha na ro-innleachdan againn airson conaltradh ri luchd-ùidhe, a’ gabhail a-steach an fheadhainn a dh’fhaodadh a bhith iomallaichte?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ cleachdadh anailis air an ionnsachadh, ealantas agus fèin-fhiosrachadh a tha aig luchd-pàirteachaidh agus luchd-ùidhe nas fharsainge, gus stiùireadh a thoirt don phlanadh leasachaidh againn?
- Dè cho èifeachdach ‘s a tha sinn a’ tuigsinn agus a’ cur an gnìomh na poileasaidhan is modhan-obrach ghoireasan daonna againn fhìn?
- Dè cho èifeachach ’s a tha na modhan a tha sinn a’ cleachdadh gus earbsa a thogail taobh a-staigh an fheachd-obrach, luchd-pàirt, buidhnean a tha a’ faighinn taic agus luchd-ùidhe nas fharsainge?
- Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do luchd-obrach agus saor-thoilich air chor ’s gum bi iad misneachail gu bhith ùr-ghnàthach, cruthachail, a’ toirt riosgan stiùirichte agus a’ co-phàirteachadh an eòlais aca?