3.2 Ag obair ann an com-pàirteachas

Published 22/10/2021.  Last updated 27/10/2023
categoryGaelic

Management and support tile highlightCuspairean:

  • A’ leasachadh agus a’ cumail suas
  • Co-lèirsinn, co-phlanadh agus co-luachadh
  • A’ cur ri luach

Sgead-dhealbh ìre 5:

A’ leasachadh agus a’ cumail suas

Tha ethos deimhinneach againn agus tha sinn a’ cur meas mòr air obair cho-obrachail agus obair ann an com-pàirteachas. Tha ceannardan aig a h-uile ìre a’ tòiseachadh air obair cho-obrachail le daoine fa leth, le buidhnean eile agus le coimhearsnachdan gus solar a leasachadh, a lìbhrigeadh agus a thoirt am feabhas. Tha buidhnean com-pàirteachais fa leth a’ toirt ceannardas làidir ann a bhith a’ leasachadh, a’ lìbhrigeadh agus a’ cumail chom-pàirteachasan mar a tha iomchaidh. Tha an t-ùghdarras ionadail a’ stèidheachadh chom-pàirteachasan agus gan cumail a’ dol gu math, air chor ’s gum bithear a’ leasachadh, a’ cur an gnìomh agus a’ dèanamh meas air a’ bhuaidh a thig bho phlanaichen is ro-innleachdan CLD. Tha obair ann an com-pàirteachas air a cho-rèiteachadh gu cothromach còmhla ri seata aontaichte de bhuilean is dùilean co-phàirtichte agus le sgèile-ama iomchaidh. Tha luchd-obrach agus saor-thoilich taobh a-staigh chom-pàirteachasan a’ tuigsinn nan dreuchdan agus dleastanasan aca gu math. Tha sinn a’ toirt dòigh-obrach phlanaichte a thaobh piseach agus leasachadh anns a h-uile cho-obrachadh agus com-pàirteachas.

Co-lèirsinn, co-phlanadh agus co-luachadh

Tha luchd-pàirt aig a h-uile ìre a’ tuigsinn agus ag obair a rèir lèirsinn agus cuimsean co-phàirtichte. Tha sealbhadaireachd shoilleir ann airson raointean-obrach far a bheil co-uallach ann. Tha sinn ag obair gu math còmhla gus co-obair a chomharrachadh, a cho-rèiteachadh, a phlanadh, a lìbhrigeadh agus a luachadh. Tha sinn ag aontachadh dhreuchdan is dleastanasan soilleir airson CLD planaichte agus airson bhuilean eile a thig bho phlanadh coimhearsnachd agus builean ro-innleachdail agus nàiseanta. Thathar air siostaman làidir agus targaidean soilleir a stèidheachadh airson cumail sùil air gnothaichean, gus taic a thoirt do cho-luachadh, planadh airson leasachadh agus aithriseadh còmhla do luchd-ùidhe. Tha aontaidhean com-pàirteachais soilleir, agus tha iad a’ toirt piseach air an èifeachdachd agus soilleireachd a tha aig co-obrachadh. Tha sinn a’ gabhail os làimh gu cunbhalach gnìomhachdan ionnsachaidh is leasachaidh co-phàirtichte, agus cha mhòr daonnan gum bi iad ag adhbharachadh bhuilean nas fheàrr airson luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan. ’S ann glè mhath a bhios sinn, mar-aon, a’ planadh agus a’ stiùireadh nan ro-innleachdan eadar-ghluasaid againn, no ro-innleachdan airson fàgail, bho obair ann an com-pàirteachas.

A’ cur ri luach

Tha an obair ann an com-pàirteachas agus an obair cho-obrachail againn, a bhios sinn a’ dèanamh le buidhnean is coimhearsnachdan eile, a’ cur ri luach airson luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan. Tha seo cha mhòr daonnan ag adhbharachadh sheirbheisean nas fheàrr airson luchd-pàirteachaidh. Tha a h-uile neach-pàirt soilleir mu dheidhinn na dh’fheumas iad fhèin, agus na dh’fheumas daoine eile, a chur ri obair ann an com-pàirteachas agus mar a bhios seo a’ cuideachadh gus buaidhean deimhinneach fhaotainn airson luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan. Tha seo a’ gabhail a-steach co-phàirteachadh stòrasan, far a bheil sin iomchaidh, gus feumalachdan a choileanadh san dòigh as fheàrr agus as èifeachdaiche. Tha conaltradh agus co-luadar eadar luchd-pàirt cunbhalach, structaraichte, taiceil agus èifeachdach. Tha dreuchd shoilleir aig coimhearsnachdan agus luchd-ionnsachaidh, a’ gabhail a-steach gum faod iad buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean agus co-dhùnaidhean a dhèanamh, sa chuid as motha de na com-pàirteachasan againn. Thathar a’ cur meas air am fèin-fhiosrachadh, agus tha seo a’ toirt taic do dh’èifeachdas nan com-pàirteachasan dom bi iad a’ buntainn. Tha dreuchdan is dleastanasan gach neach-pàirt air an deagh thuigsinn agus air an conaltradh gu h-èifeachdach ri luchd-ùidhe. Tha sinn ag ionnsachadh bho obair mhath ann an com-pàirteachas bho àitichean eile, agus tha sinn a’ cleachdadh seo gus an cleachdadh againn fhìn a neartachadh.

Ceistean dùbhlain:

  1. Dè cho gnìomhach ’s a tha sinn ann a bhith a’ sireadh a-mach, a’ cur air adhart, a’ toirt taic do agus a’ freagairt gu deimhinneach ri com-pàirteachasan a tha comasach air builean nas fheàrr a lìbhrigeadh airson dhaoine fa leth, buidhnean agus coimhearsnachdan?
  2. Dè cho math ’s a tha ceannardan aig a h-uile ìre a’ tòiseachadh, a’ co-rèiteachadh agus a’ goireasachadh obair cho-obrachail, gus builean a leasachadh?
  3. Dè cho èifeachdach ‘s a tha an t-ùghdarras ionadail ann a bhith a’ leasachadh, a’ cumail suas agus a’ toirt taic do chom-pàirteachasan gus prìomhachasan taobh a-staigh nam planaichean is ro-innleachdan CLD a leasachadh agus a thoirt air adhart?
  4. Dè an ìre ’s gu bheil an lèirsinn is na cuimsean a tha aig gach com-pàirteachas sa bheil sinn an sàs air an leasachadh gu soilleir agus air an tuigsinn gu math?
  5. Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil, taobh a-staigh gach com-pàirteachais, na dreuchdan is dleastanasan a tha aig gach ball no buidheann air an tuigsinn gu soilleir leis a h-uile duine?
  6. Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile neach-pàirt a cheart cho dealasach air lìbhrigeadh nam builean a thathar an dùil agus a bhios an com-pàirteachas ag obair gus an coileanadh?
  7. Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ co-phlanadh, a’ cumail sùil air gnothaichean còmhla, agus a’ co-luachadh taobh a-staigh chom-pàirteachasan?
  8. Dè cho soilleir ’s a tha sinn air dè am far-luach a bhios gach com-pàirteachas a’ toirt agus dè an diofar a nì e do luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan?
  9. Dè cho math ’s a tha sinn a’ cur às leth, ag aithris agus a’ co-phàirteachadh soirbheas taobh a-staigh agus am measg chom-pàirteachasan?
  10. Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil guth na coimhearsnachd is an luchd-ionnsachaidh riochdachail, air a chluinntinn agus air a luachadh taobh a-staigh nan com-pàirteachasan againn?
  11. Dè cho math ’s a tha sinn ag obair le luchd-pàirt gus ro-phlanadh a dhèanamh agus gus ullachadh a dhèanamh airson feumalachdan atharrachail a choileanadh?
  12. Dè cho soirbheachail ’s a tha sinn a’ gabhail os làimh co-ghnìomhachdan ionnsachaidh agus leasachaidh a bhios a’ co-phàirteachadh agus a’ leasachadh sgilean, fiosrachadh, eòlas agus ealantas air feadh chom-pàirteachasan, ag adhbharachadh builean nas fheàrr airson luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan?