3.3 Cleachdadh stòrasan ann an dòigh sheasmhach agus èifeachdach

Published 22/10/2021.  Last updated 27/10/2023
categoryGaelic

Management and support tile highlightCuspairean:

  • Dealbhadh ionmhasail
  • Stiùireadh stòrasan agus eòlais
  • Gèilleadh

Sgead-dhealbh ìre 5:

Dealbhadh ionmhasail

Tha na h-ullachaidhean againn airson dealbhadh ionmhasail agus cumail sùil air caiteachas trìd-shoilleir, eagarach agus a’ gabhail a-steach rianachd chunnairt èifeachdach. Tha sinn a’ planadh glè mhath airson atharrachadh, agus tha sinn for-ghnìomhach ann a bhith a’ sireadh dhòighean gus seirbheisean a chumail no a leasachadh. Tha sinn tionnsgnach ann a bhith a’ tàladh maoineachadh no stòrasan eile gus builean is buaidhean deimhinneach a mheudachadh airson luchd-ionnsachaidh is coimhearsnachdan agus a bhith a’ dèiligeadh ri feumalachdan nach deach a choileanadh no a tha ag atharrachadh. Thathar a’ riarachadh stòrasan, a’ gabhail a-steach gan riarachadh do threas pàrtaidhean, gus prìomhachasan aontaichte a choileanadh a rèir phlanaichean ionadail is nàiseanta agus prìomhachasan CLD. A thaobh luchd-obrach agus saor-thoilich air am bi uallaichean ionmhasail, tha iad uile soilleir mu, agus bidh iad a’ leantainn, phoileasaidhean is modhan-obrach ionmhasail. Thathar a’ toirt taic mhath dhaibh le ceannardan agus leothasan air am bi uallaichean sònraichte airson ionmhais. Tha sinn a’ leantainn mhodhan-obrach soilleir gus cuideachadh a thoirt seachad ann a bhith a’ comharrachadh, agus a’ dèiligeadh gu h-èifeachdach agus gu h-aithghearr ri, easaontas buidseit sam bith a dh’fhaodas èirigh.

Stiùireadh stòrasan agus eòlais

Tha stòrasan air an deagh stiùireadh, air an cur an gnìomh agus air an targaideachadh gus builean a leasachadh airson dhaoine fa leth, teaghlaichean agus coimhearsnachdan, agus gus prìomhachasan na buidhne agus prìomhachasan ionadail is nàiseanta a choileanadh. Tha planadh na buidhne agus planadh com-pàirteachais a’ toirt fa-near a h-uile stòras, a bharrachd air feumalachdan nach deach a choileanadh. Tha luchd-pàirt ag obair glè mhath còmhla gus stòrasan a cho-phàirteachadh agus a thargaideachadh gus builean a leasachadh airson luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan. Far a bheil e iomchaidh, tha uidheamachd speisealta, àitichean-còmhnaidh no ceuman comharraichte eile gan co-phàirteachadh gus comas a thoirt dhaibhsan aig a bheil feumalachdan sònraichte air chor ’s gum faod iad a bhith a’ gabhail pàirt. Tha rianachd fiosrachaidh fòcasaichte agus soilleir, agus tha fiosrachadh air a thional, air eagrachadh, air a chonaltradh agus air a chleachdadh gu h-èifeachdach gus builean a leasachadh agus adhartas a luachadh mu choinneimh phlanaichean. Tha na h-ullachaidhean airson fiosrachadh a stòradh, ath-bhuidhinn, a chleachdadh agus a cho-phàirteachadh a’ gèilleadh gu h-iomlan ri reachdas làithreach air dìon dàta.

Gèilleadh

Tha luchd-obrach agus saor-thoilich aig a h-uile ìre sa bhuidhinn mothachail do, agus a’ gèilleadh ri, an dleastanasan a thaobh reachdas, riaghailtean, poileasaidh, stiùireadh, inbhean agus còdan obrachaidh. Tha a’ bhuidheann a’ cumail sùil air, agus a’ freagairt gu h-iomchaidh is gu tìmeil ri, atharrachaidhean ann an reachdas is poileasaidhean. Tha conaltradh ann, a tha bitheanta agus soilleir, air rianachd chunnairt agus gèilleadh. Tha dòighean-obrach so-thuigsinn againn a thaobh, agus tha sinn a’ co-chothromachadh gu h-iomchaidh eadar, ùr-ghnàthachadh agus rianachd chunnairt. Tha modhan-obrach ann, a tha làithreach, a thaobh dìon, agus bithear a’ dèanamh lèirmheas orra gu cunbhalach. Tha luchd-obrach agus saor-thoilich aig a h-uile ìre sa bhuidhinn mothachail air na dleastanasan aca, agus gan coileanadh, a thaobh dìon dhaoine so-leònta, a’ gabhail a-steach luchd-ionnsachaidh, luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-pàirt.

Ceistean dùbhlain:

  1. Ciamar a tha fios againn gu bheil an coileanadh ionmhasail againn làidir?
  2. Dè cho ioma-chuimseach agus cho èifeachdach ’s a tha na modhan-obrach is smachdan ionmhasail againn?
  3. Dè cho uidheamaichte ’s a tha luchd-buidseit gus sùil a chumail air modhan-obrach is smachdan ionmhasail agus an cur an gnìomh?
  4. A bheil sinn tionnsgnach ann a bhith a’ dleasadh maoineachadh a bharrachd, a’ planadh airson atharrachadh, a’ planadh airson co-arbas no a thaobh so-sheasmhachd nan ionmhasan againn?
  5. Dè cho math ’s a tha sinn a’ comharrachadh, a’ tàladh agus a’ riarachadh stòrasan gus prìomhachasan a choileanadh?
  6. Ciamar a tha fios againn gu bheil na stòrasan againn, a’ gabhail a-steach àitichean-còmhnaidh, uidheamachd speisealta agus teicneòlas fiosrachaidh, gu leòr, iomchaidh agus so-ruigsinneach?
  7. Dè cho math ’s a tha sinn a’ cleachdadh teicneòlas fiosrachaidh agus goireasan is uidheaman eile gus solar agus so-ruigsinneachd a leasachadh air chor ’s gum faod luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan làn-phàirt a ghabhail?
  8. Dè cho math ’s a tha sinn ag obair le luchd-pàirt gus dèanamh cinnteach gu bheil na stòrasan uile gu lèir a tha rim faotainn airson CLD air an targaideachadh ann an dòigh a tha cho èifeachdach agus cho èifeachdail ’s a ghabhas?
  9. Dè cho èifeachdach ’s a tha na h-ullachaidhean againn airson dàta a thional, a stòradh, ath-bhuidhinn, anailiseachadh, a luachadh agus a cho-phàirteachadh?
  10. Dè cho soirbheachail ’s a tha sinn a’ dèiligeadh ri rianachd chunnairt agus dòighean-obrach a thaobh atharrachadh gus co-chothromachadh fhaighinn eadar, air an aon làimh, taic a thoirt do ùr-ghnàthachadh agus àrd-mhiann agus, air an làimh eile, lùghdachadh fhaighinn ann an droch bhuaidhean sam bith?
  11. Dè cho math ’s a tha sinn a’ freagairt ri, a’ gèilleadh ri agus a’ cur an gnìomh atharrachaidhean ann an reachdas, riaghailtean, poileasaidh, inbhean agus còdan obrachaidh a tha a’ buntainn rinn?
  12. Dè cho math ’s a tha na siostaman is pròiseasan againn a’ dèanamh cinnteach gu bheil daoine so-leònta air an dìon?