4.1 Lìbhrigeadh leasachadh coimhearsnachd

Published 22/10/2021.  Last updated 27/10/2023
categoryGaelic

Management and support tile highlightCuspairean:

  • A’ togail comais
  • Dàimhean èifeachdach
  • A’ meudachadh buaidh

Sgead-dhealbh ìre 5:

A’ togail comais

Tha ceannardan aig a h-uile ìre a‘ toirt taic mhath do luchd-pàirt, luchd-obrach agus saor-thoilich gus coimhearsnachdan de dh’ùidh agus/no de chruinn-eòlas a chomharrachadh agus obair a dhèanamh còmhla riutha. Tha e soilleir gu bheil an obair againn stèidhte air feumalachdan-coimhearsnachd comharraichte, agus thathar ga planadh cha mhòr daonnan còmhla ri coimhearsnachdan. Tha sinn ag obair còmhla glè mhath gus leasachadh coimhearsnachd a chomharrachadh, a phlanadh agus a lìbhrigeadh a rèir reachdas. Tha taic airson togail comais ga lìbhrigeadh gu inbhe àrd agus ann an deagh àm. Tha an taic air a goireasachadh gu h-iomchaidh, agus tha i a’ ruigsinn nan coimhearsnachdan aig a bheil na feuman as motha. Tha seo a’ meudachadh comas an luchd-iomairt agus nan saor-thoileach agus a’ toirt taic dhaibh gus adhartas a dhèanamh, a’ gabhail a-steach lìonadh dhreuchdan ceannardais. Mar thoradh air sin, tha coimhearsnachdan nas comasaiche air obair còmhla gus co-dhèanamh agus co-lìbhrigeadh a choileanadh mar fhreagairt ri atharrachadh. Tha iad misneachail ann a bhith a’ planadh agus a’ luachadh an diofair a tha iad a’ dèanamh agus ann a bhith ag aithneachadh na tha iad a’ cur a-steach do cho-dhùnaidhean, a’ togail choimhearsnachdan làidir, ath-leumach agus cumhachdaichte.

Dàimhean èifeachdach

Tha an obair againn ann an com-pàirteachas stèidhte air an earbsa a tha sinn a’ cur ann an càch a chèile, agus thathar a’ cur luach agus meas air an obair seo. Tha conaltradh soilleir agus cunbhalach. Tha luchd-cleachdaidh eòlach, agus thathar a’ toirt taic mhath dhaibh le ceannardan, ann a bhith a’ togail dhàimhean a tha measail, ion-ghabhalta, earbsach agus cothromach. Mar thoradh air sin, tha na dàimhean coimhearsnachd a tha aig luchd-cleachdaidh a’ gabhail a-steach co-cothromachadh iomchaidh eadar dùbhlan freagarrach agus taic bhuntainneach. Mar luchd-cleachdaidh, tha tuigse againn air, agus tha sinn a’ cuideachadh gus stiùireadh a thoirt air, na dùilean eadar-dhealaichte a tha aig coimhearsnachdan. Bidh sinn a’ coileanadh co-aonta agus rèiteachadh còmhstri uair air bith a ghabhas sin dèanamh, ach tha sinn cuideachd a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ dèanamh cho-dhùnaidhean ann an deagh àm. Tha tuigse làidir againn air na factaran sòisealta, poilitigeach, eaconamach agus àrainneachdail a bhios a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan. Mar thoradh air sin, tha dàimhean làidir a’ toirt buaidh air co-dhùnadh agus bidh coimhearsnachdan ag aithris ìrean àrda de riarachas leis an taic a tha iad a’ faotainn.

A’ meudachadh buaidh

Tha ceannardan aig a h-uile ìre a’ cur luach air buidhnean is riochdairean coimhearsnachd mar luchd-pàirt co-ionann gus co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh air coimhearsnachdan de dh’ùidh agus/no de chruinn-eòlas. A rèir Achd Cumhachdachadh Choimhearsnachdan (Alba) 2015, tha poileasaidhean, structaran planaidh agus riarachaidhean stòrasan a’ comharrachadh gealltanas air co-dhèanamh còmhla ri coimhearsnachdan. Tha seo a’ toirt taic do raon farsaing de bhuill coimhearsnachd a bhith a’ gabhail pàirt ann am pròiseasan co-dhùnaidh. Tha sinn ag obair gu math leis an luchd-phàirt againn gus beachdan dhaoine de gach aois a thional gus buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean. Tha sinn a’ toirt taic mhath do dhòigh-obrach chothromach agus so-sheasmhach a thaobh barrachd smachd a ghluasad gu buidhnean coimhearsnachd agus muinntir ionadail. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach taic ionmhasail, cuideachadh le ullachaidhean riaghlachais no comhairle phroifeiseanta agus fiosrachadh. Mar thoradh air sin, tha cumhachdachadh choimhearsnachdan agus buaidh choimhearsnachdan a’ sìor-thoirt buaidh air pròiseasan co-dhùnaidh agus targaideachadh ghoireasan co-phàirtichte.

Ceistean dùbhlain:

  1. Dè cho math ’s a tha sinn a’ planadh togail comas na coimhearsnachd air chor ’s gum bi e stèidhte gu soilleir air na feumalachdan, prìomhachasan agus àrd-mhiannan a chaidh a chomharrachadh leis a h-uile neach-ùidhe?
  2. A bheil an taic againn airson togail comas na coimhearsnachd air a lìbhrigeadh gu inbhe de dh’àrd-chàileachd? Dè na h-inbhean a tha sinn a’ cleachdadh gus tomhas a dhèanamh air seo?
  3. Dè cho math ’s a tha sinn a’ cumail sùil air an obair againn gus dèanamh cinnteach gu bheil an taic a tha sinn a’ solarachadh do chomainn is buidhnean coimhearsnachd èifeachdach, freagarrach agus tìmeil?
  4. Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do chomainn is buidhnean coimhearsnachd gus planadh, manaidseadh agus luachadh a dhèanamh air an obair aca agus gèilleadh ri reachdas?
  5. Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ ro-aithneachadh agus a’ planadh airson atharrachaidhean sòisealta, eaconamach, àrainneachdail, sluagh-thomhais agus poileasaidh, gus dèanamh cinnteach gum bi na seirbheisean againn a’ cumail a bhith buntainneach agus co-fhreagrach ris na coimhearsnachdan againn?
  6. Dè an ìre ’s gu bheil sinn a’ togail ath-leumachd nan coimhearsnachdan againn agus gan cuideachadh a bhith ullamh a dhol an sàs ann an ionnsachadh is gnìomhan a thaobh ceartas clìomaid, dìon bith-iomadachd agus eadar-ghluasad gu comann sòisealta sa bheil brùchdaidhean-càrboin air an toirt sìos gu neoini, air chor ’s gum bithear a’ coileanadh nan àrd-mhiannan a tha aig Tadhalan Leasachaidh So-sheamhaich nan Dùthchannan Aonaichte?
  7. Ciamar a tha fios againn gu bheil na dàimhean againn le coimhearsnachdan measail, ion-ghabhalta, earbsach agus air an togail air earbsa eadar càch a chèile?
  8. Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh inbheisteadh ann an leasachadh an fheachd-obrach, agus ga chleachdadh, gus gach cuid an comas againn fhìn agus comas an luchd-phàirt againn a neartachadh gus taic a thoirt do agus a bhith ag obair le coimhearsnachdan?
  9. Dè cho soirbheachail ’s a tha sinn ag obair le luchd-pàirt, a’ gabhail a-steach buidhnean coimhearsnachd agus luchd-iomairt, gus poileasaidhean, planaichean agus seirbheisean a leasachadh?
  10. Dè cho math ’s a tha na planaichean agus seirbheisean againn stèidhte air feumalachdan a chaidh a chomharrachadh? A bheilear a’ gabhail riutha, a bheil iad gu leas na h-uile, agus a bheil iad air an deagh thuigsinn leis a h-uile neach-ùidhe?
  11. Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ comasachadh buill na coimhearsnachd gus uallach agus adhartas a ghabhail os làimh ann an dòigh a tha freagarrach, a bhios a’ faighinn taic mhath agus a tha so-sheasmhach?
  12. Dè cho èifeachdach ’s a tha na poileasaidhean, planaichean, riarachaidhean stòrasan agus cleachdaidhean againn a’ dèanamh cinnteach gu bheil riochdachadh iomchaidh ann, ag aithneachadh agus a’ dèiligeadh ri mì-chothroman cumhachd agus a’ gluasad barrachd smachd chun na coimhearsnachd?
  13. Dè cho math ’s a tha na poileasaidhean, structaran planaidh agus riarachaidhean stòrasan againn a’ comharrachadh nan àrd-mhiannan a chaidh a chur an cèill ann an Achd Cumhachdachadh Choimhearsnachdan (Alba) 2015?