4.2 Lìbhrigeadh ionnsachadh coimhearsnachd

Published 22/10/2021.  Last updated 27/10/2023
categoryGaelic

Management and support tile highlightCuspairean:

  • Dealbhadh agus lìbhrigeadh
  • Com-pàirteachadh luchd-ionnsachaidh
  • Cothroman air coileanadh agus adhartas a dhèanamh

Sgead-dhealbh ìre 5:

Dealbhadh agus lìbhrigeadh

Tha na prògraman againn stèidhte gu soilleir air na feumalachdan, prìomhachasan agus àrd-mhiannan a chaidh a chomharrachadh airson luchd-ionnsachaidh, agus tha iad a rèir phrìomhachasan nàiseanta is ionadail. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil cothroman ionnsachaidh ion-ghabhalta is so-ruigsinneach agus gu bheil iad a’ dèiligeadh ri neo-ionannachdan leanaltach is siostamach. Mar thoradh air sin, tha sinn a’ ruigsinn luchd-ionnsachaidh aig a bheil na feumalachdan as motha agus aig amannan eadar-ghluasaid no atharrachaidh. Tha sinn sgileil ann a bhith a’ freagarrachadh nam prògraman againn gus feumalachdan fa leth agus atharrachail a choileanadh, a’ gabhail a-steach cleachdadh caochladh dhòighean-lìbhrigidh, teicneòlasan didseatach nam measg mar a tha iomchaidh. Tha cothrom aig cha mhòr a h-uile neach-ionnsachaidh air raon freagarrach de dh’eòlasan ionnsachaidh. Tha an taic a bhios iad a’ faighinn a’ toirt fa-near ro-ionnsachadh agus coileanaidhean a rinneadh roimhe. Thathar a’ lìbhrigeadh cha mhòr a h-uile gnìomhachd do dh’inbhe glè àrd, le ìre iomchaidh de dh’astar, taic agus dùbhlan. Tha sinn gu cunbhalach a’ luachadh na tairgse ionnsachaidh againn, agus ga coimeasachadh mu choinneimh shlatan-tomhais, gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ coileanadh inbhean agus gus buaidh a thoirt air planadh leasachaidh.

Com-pàirteachadh luchd-ionnsachaidh

Tha an solar againn fiosraichte le, agus air a leasachadh ann an còmhradh ri, luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan. Tha com-pàirt ghnìomhach aig luchd-ionnsachaidh ann a bhith a’ toirt cumadh gach cuid don tairgse ionnsachaidh a tha iad fhèin a’ faighinn agus don tairgse ionnsachaidh nas fharsainge. Tha seo a’ dèanamh cinnteach gum bi solar a’ cumail air a’ coileanadh feumalachdan atharrachail luchd-ionnsachaidh agus choimhearsnachdan, agus tha seo ag adhbharachadh atharrachaidhean deimhinneach a ghabhas dearbhadh gu soilleir. Mar thoradh air sin, tha cha mhòr a h-uile neach-ionnsachaidh glè bhrosnaichte agus a’ gabhail com-pàirt ghnìomhach anns a h-uile taobh den ionnsachadh aca. Tha an tairgse, far a bheil an neach-ionnsachaidh aig a’ mheadhan, air a togail air dàimhean a tha deimhinneach is altramach. Tha dùbhlan freagarrach ann a tha ag adhbharachadh bhuilean ionnsachaidh de dh’àrd-chàileachd. Thathar gu gnìomhach a’ brosnachadh luchd-ionnsachaidh, agus a’ toirt taic mhath dhaibh, gus uallaichean a ghabhail orra fhèin agus taic a thoirt do dh’ionnsachadh chàich. Tha cha mhòr a h-uile neach-ionnsachaidh ag aithris ìrean àrda de riarachas leis an t-seirbheis no taic a tha iad a’ faighinn.

Cothroman air coileanadh agus adhartas a dhèanamh

Tha cothroman airson coileanadh agus adhartas air am fìor dheagh phlanadh, agus tha iad bunaiteach don tairgse ionnsachaidh. Tha sinn ag aithneachadh agus a’ comharrachadh na tha cha mhòr a h-uile neach-ionnsachaidh a’ coileanadh aig gach ìre den ionnsachadh aca. Tha sinn a’ brosnachadh agus a’ comasachadh luchd-ionnsachaidh a bhith a’ meòrachadh air an t-slighe ionnsachaidh aca agus a bhith a’ cur romhpa amasan a tha dùbhlanach ach ion-dhèanta. Tha cothroman ionnsachaidh tlachdmhor, brodach, a’ meudachadh leasachadh pearsanta agus, far a bheil seo iomchaidh, a’ meudachadh com-pàirteachadh coimhearsnachd. Thathar a’ toirt taic mhath do luchd-ionnsachaidh gus adhartas a dhèanamh gu barrachd cothroman ionnsachaidh, trèanaidh, saor-thoileachais no cosnaidh. Tha sinn ag obair gu glè èifeachdach le luchd-pàirt gus slighean-ionnsachaidh agus eile, a tha soilleir is iomchaidh, a chomharrachadh, a phlanadh agus a lìbhrigeadh.  Tha na slighean seo a’ toirt taic do luchd-pàirteachaidh san t-slighe aca gus na h-amasan ris an robh dùil aca a ruigsinn, agus gus cothrom a ghabhail air na seirbheisean agus taic a dh’fheumas iad gus aghaidh a chur air na dùbhlain a tha romhpa nam beathannan.

Ceistean dùbhlain:

  1. Dè cho math ’s a tha sinn ag obair le luchd-pàirt gus dèanamh cinnteach gu bheil na prògraman ionnsachaidh againn a’ coileanadh nam feumalachdan, prìomhachasan agus àrd-mhiannan a chaidh a chomharrachadh?
  2. Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh lèirmheas air na slighean againn gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a rèir phrìomhachasan nàiseanta agus ionadail, a’ dèiligeadh ri neo-ionannachdan leanaltach agus siostamach agus comasach air freagarrachadh ri feumalachdan atharrachail?
  3. Dè cho math ’s a tha sinn a’ cleachdadh dòigh-obrach stèidhte air còirichean gus taic a thoirt do chom-pàirteachadh luchd-ionnsachaidh?
  4. Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil an t-ionnsachadh a tha sinn a’ tairgsinn air a dhealbhachadh agus air a lìbhrigeadh do dh’inbhe àrd agus a’ toirt seachad eòlas ionnsachaidh de dh’àrd-chàileachd?
  5. Dè cho sgileil ’s a tha sinn ann a bhith a’ freagarrachadh agus a’ goireasachadh phrògraman gus an taic as fheàrr a thoirt do gach neach-ionnsachaidh agus gus feumalachd atharrachail a choileanadh?
  6. Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ comharrachadh co-theacsa beathannan an luchd-ionnsachaidh, a’ dèiligeadh ri cnapan-starra gus com-pàirteachadh is adhartas a chomasachadh agus a’ coileanadh nan àrd-mhiannan a tha aig daoine fa leth no aig a’ choimhearsnachd?
  7. Dè cho math ’s a tha sinn a’ cleachdadh dhòighean-obrach sùbailte airson ionnsachadh, a’ gabhail a-steach teicneòlasan didseatach, gus ionnsachadh a chomasachadh ann an àite agus aig àm a bhios a’ coileanadh feumalachdan luchd-ionnsachaidh, a bhios sàbhailte agus a bhios a’ toirt taic do an àrd-mhiannan?
  8. Dè cho soirbheachail ’s a tha sinn a’ cleachdadh fios air ais bho luchd-ionnsachaidh agus bho luchd-pàirt eile gus an tairgse ionnsachaidh a leasachadh?
  9. Dè cho math ’s a tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil luchd-ionnsachaidh a’ gabhail com-pàirt ghnìomhach ann a bhith a’ toirt cumadh don chuid ionnsachaidh agus ann an cùisean nas fharsainge ceangailte ri dealbhadh agus leasachadh sheirbheisean?
  10. Dè cho math ’s a tha sinn a’ comasachadh luchd-ionnsachaidh a bhith a’ comharrachadh, ag obair a dh’ionnsaigh agus a’ coileanadh an amasan pearsanta?
  11. Dè cho math ’s a tha sinn a’ toirt taic do luchd-ionnsachaidh gus adhartas a chomharrachadh, a phlanadh agus a dhleasadh?