Uidheaman a bhios gad chuideachadh gus am frèam-obrach seo a chur gu feum

Published 22/10/2021.  Last updated 27/10/2023
categoryGaelic

A’ cleachdadh an goireas seo?

Carson a chleachdadh tu an goireas seo?

Bidh am frèam-obrach seo a’ toirt taic dhut mar neach fa leth, mar bhuidheann no mar chom-pàirteachas gus tuigse nas iomlaine fhaighinn air na neartan agad agus raointean leasachaidh sam bith. Bidh seo a’ cuideachadh gus taic a thoirt dhut gus tuigse fhaighinn agus piseach a thoirt air a’ bhuaidh a tha thu a’ dèanamh, gus dèanamh cinnteach gu bheil na builean airson gach neach-ionnsachaidh agus coimhearsnachd gan leasachadh. Faodaidh e do chuideachadh, a bharrachd air sin, gus ceannardas a neartachadh aig a h-uile ìre. Bidh e a’ cuideachadh gus briathrachas agus tuigse a tha co-phàirtichte a leasachadh am measg a h-uile duine a tha an sàs ann an CLD ann an Alba.

Air ais gu Mullach

Cò dha a tha an goireas seo agus cò bu chòir a bhith an sàs ann?

Gabhaidh a chleachdadh mar uidheam airson fèin-luachadh le luchd-cleachdaidh CLD agus leothasan a tha ag ùisneachadh mhodhannan CLD taobh a-staigh an cuid obrach. Gabhaidh a chleachdadh le saor-thoilich, ceannardan coimhearsnachd, luchd-obrach, manaidsearan agus ceannardan àrd-rangach ann an seirbheisean poblach agus ann am buidhnean saor-thoileach is coimhearsnachd. Gabhaidh a chleachdadh cuideachd le luchd-pàirt ag obair ri chèile gus càileachd seirbheise a leasachadh. Tha e a’ co-phàirteachadh briathrachas coitcheann le frèamaichean-obrach càileachd a chaidh a leasachadh le Foghlam Alba, agus gabhaidh a chleachdadh ri taobh uidheaman measaidh eile. Faodaidh a h-uile duine a bhith a’ cur ri fèin-luachadh. Airson goireas fèin-luachaidh a chleachdadh, ’s e an dòigh as fheàrr a bhith a’ gabhail a-steach a h-uile duine bhon bhuidhinn agad (organisation), bho luchd-pàirt (partners) agus bho luchd-ùidhe eile (other stakeholders) ann am pròiseas co-fèin-luachaidh.

Air ais gu Mullach

Ciamar a thèid a chleachdadh?

Fhad ’s a tha thu a’ coimhead tron sgrìobhainn, chì thu grunn shlatan-tomhais deagh ghnè a tha a’ fòcasachadh air raointean leasachaidh sònraichte. Cleachd na slatan-tomhais deagh ghnè gus do chuideachadh na neartan is raointean leasachaidh agad a chomharrachadh, gus an diofar a tha thu a’ dèanamh a dhearbhadh agus an ath nì a dh’fheumas tu dèanamh a nochdadh. Chaidh na slatan-tomhais a dhealbhadh gus taic a thoirt dhut ann a bhith a’ smaointinn air ciamar a thèid agad air stòrasan a chleachdadh, ionnsachadh bho àitichean eile agus planadh airson atharrachadh. Chaidh an cur ann am buidhnean fo thrì cinn: coileanadh agus builean (performance and outcomes); rianachd agus lìbhrigeadh (management and delivery); agus ceannardas agus seòladh (leadership and direction).

Tha gach slat-tomhais deagh ghnè a’ gabhail a-steach:

Aithris choitcheann agus cuspairean a tha a’ mìneachadh dè na raointean ris a bheil i a’ dèiligeadh. Tha sgead-dhealbhan ann air cò ris a dh’fhaodadh fìor dheagh chleachdadh a bhith coltach airson gach cuspair. Thathar an dùil gum bi na sgead-dhealbhan seo a’ toirt eisimpleirean den raon de fhianais agus de chleachdadh. Chan eil iad buileach ioma-chuimseach, agus cha bu chòir an cleachdadh mar liosta-dhearbhaidh. Tha gach slat-tomhais deagh ghnè cuideachd a’ gabhail a-steach seata de cheistean dùbhlain gus deasbad a bhrosnachadh.

A’ tòiseachadh

Faodaidh tu tòiseachadh le slat-tomhais deagh ghnè sam bith agus faodaidh tu sùil a thoirt orra ann an òrdugh sam bith. Chan fheum thu gach slat-tomhais deagh ghnè a chleachdadh, no gach cuspair, ach tha na slatan-tomhais a’ buntainn ri chèile, agus mar sin gheibh thu tuigse nas fharsainge air a’ bhuaidh a tha thu a’ dèanamh agus do raointean leasachaidh ma tha thu a’ coimhead air barrachd is aon dhiubh. A bharrachd air sin, tha e na chuideachadh a bhith a’ coimhead air slatan-tomhais bho gach earrann – coileanadh agus builean, rianachd agus lìbhrigeadh, ceannardas agus seòladh – gus tuigse as fheàrr fhaighinn air dè cho math ’s a tha a’ bhuidheann, seirbheis no com-pàirteachas agad a’ leasachadh càileachd. Faodaidh tu tòiseachadh le bhith a’ coimhead gu geàrr aig a h-uile shlat-tomhais deagh ghnè agus, le bhith a’ dèanamh sin, is urrainn dhut an fheadhainn as freagarraiche a chomharrachadh airson fiosrachadh nas mionaidiche fhaighinn orra.

Air ais gu Mullach

Raon Gàidhlig

Gabhaidh am frèam-obrach càileachd is leasachaidh seo a chleachdadh ann an diofar cho-theacsaichean coimhearsnachd, ionnsachaidh is leasachaidh, air am bi raon de luchd-cleachdaidh, luchd-pàirt agus saor-thoilich a’ co-obrachadh gus taic a thoirt do bhuilean nàiseanta airson Gàidhlig. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach: leasachadh coimhearsnachd; obair-òigridh; ionnsachadh teaghlaich; toirt taic do bhogadh mar phàirt de Foghlam Meadhan Gàidhlig, agus obair eadar-theachd eile; ionnsachadh inbhich a tha stèidhte sa choimhearsnachd; obair gus piseach a thoirt air slàinte is soirbheas; agus leasachadh shaor-thoileach. Mar phàirt de cho-obrachadh èifeachdach, bithear a’ cleachdadh nan slatan-tomhais deagh ghnè agus gan cur an gnìomh san raon Ghàidhlig gus atharrachadh agus leasachadh a bhrosnachadh. Ann a bhith a’ dèanamh seo, bu chòir do luchd-cleachdaidh sùil a thoirt air Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gum bithear a’ toirt fa-near na modhan-obrach sònraichte ann am foghlam Gàidhlig.

Air ais gu Mullach

Beag-fhaclair

Faidhle PDF: Beag-fhaclair (97 KB)

Air ais gu Mullach

Tuilleadh mu dheidhinn fèin-luachadh

Faidhle PDF: Tuilleadh mu dheidhinn fèin-luachadh (153 KB)