A’ Leasachadh a’ Churraicealaim airson Foghlam Meadhan Gàidhlig aig Àrd-sgoil MhicNeacail
See English version.
Is e àrd-sgoil a th' ann an Sgoil MhicNeacail, le solar leasaichte ùghdarras ionadail. Tha e a’ toirt leantalachd do Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig dha na bun-sgoiltean co-cheangailte ann an Leòdhas. Is e 1026 neach òg an àireamh iomlan air clàr na sgoile. Tha 254 neach òg ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig. Tha a’ mhòr-chuid de dhaoine òga a’ fuireach ann an sònaichean dàta Indeacs Ioma-Easbhaidh na h-Alba còig is sia. Tha feumalachdan taice a bharrachd aig mu 42% de dhaoine òga.
Cùis an leasachaidh
Bha a’ cho-chuid de dhaoine òga ag ionnsachadh ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig a’ dol am meud aig ìrean na h-àrd-sgoile. Bha seo a’ ciallachadh gum feumadh an curraicealam atharrachadh gus coinneachadh ri feumalachdan dhaoine òga. Dh’aithnich an sgioba luchd-obrach an dleastanas aca àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh mar phàirt de phlanadh nàiseanta. Air an adhbhar sin thug àrd-stiùirichean prìomhachas do leasachadh a’ churraicealaim airson na Gàidhlig. Bha seo a’ cuimseachadh air ionnsachadh tron Ghàidhlig a mheudachadh thar ìrean na h-àrd-sgoile, a’ leantainn gu Teisteanasan Nàiseanta aig na h-ìrean as sine. Tha daoine òga a tha a’ gluasad bho ìrean na bun-sgoile air a bhith ag ionnsachadh tro bhogadh sa Ghàidhlig. Bhiodh planadh an sgioba luchd-obrach airson leasachadh a' lìbhrigeadh leantalachd ann an ionnsachadh tro bhogadh.
Na rinn an suidheachadh foghlaim
Rinn àrd-stiùirichean ath-sgrùdadh air structairean àrd-luchd-obrach gus am biodh uallach ro-innleachdail aig àrd-stiùiriche airson na Gàidhlig. Chaidh prìomh thidsear Foghlam Meadhan Gàidhlig a stèidheachadh. Bha seo a thuilleadh air dreuchd prìomh thidsear na Gàidhlig agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) mar chuspairean. B’ e raon-ùghdarrais a’ phrìomh thidseir Foghlam Meadhan Gàidhlig a leasachadh tarsainn a’ churraicealaim. Chleachd an sgioba luchd-obrach Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig stèidhichte air fianais sgrùdaidh, gus tuigse cho-roinnte air Foghlam Meadhan Gàidhlig agus bogadh a leasachadh. Rinn am prìomh thidsear ath-sgrùdadh air comasan an luchd-obrach a thaobh teagasg tron Ghàidhlig agus planadh leasachaidhean san àm ri teachd thar raointean curraicealaim. Tha seo air piseach a thoirt air mar a tha luchd-obrach Foghlam Meadhan Gàidhlig gan cleachdadh san àrd-sgoil.
Stèidhich luchd-obrach buidheann taighe sònraichte anns an àrd-sgoil airson Foghlam Meadhan Gàidhlig. Tha seo ga stiùireadh le prìomh thidsear comhairleachaidh airson Foghlam Meadhan Gàidhlig. Tha a’ bhuidheann taighe seo air a' chlàr-ama thar chuspairean gus cultar a chruthachadh airson bogadh sa Ghàidhlig.
Tha luchd-obrach a’ dèanamh an fheum as fheàrr de dhealbhadh curraicealaim le bhith a’ lìbhrigeadh chothroman tron Ghàidhlig anns gach co-theacsa. Tha cuid de seo comasach tro obair le com-pàirtichean. Tha fòcas sònraichte sa churraicealam aig com-pàirtichean air Leasachadh an Fheachd-obrach Òig. Tha luchd-obrach air obrachadh le buidhnean com-pàirteachais gus barrachd eòlasan bogaidh Gàidhlig a chruthachadh. Anns na beagan mhìosan a dh’fhalbh, tha luchd-obrach air a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le BBC Radio nan Gàidheal, Fèisean nan Gàidheal, Sabhal Mòr Ostaig/Tobar an Dualchais, Comunn na Gàidhlig, FilmG, buidhnean coimhearsnachd, gnìomhachasan ionadail agus Dìleab, buidheann dràma an ùghdarrais ionadail. Bidh òigridh a’ gabhail pàirt sna Mòdan nàiseanta agus ionadail. Tha seo a’ cruthachadh curraicealam a leasaicheas fileantachd, tuigse air cànan is cultar na Gàidhlig, agus a thogas coileanadh. Bidh òigridh a' faighinn buannachd bhon ionnsachadh dhealbhaichte seo, a leasaicheas am fileantachd agus raon beairteach de sgilean. Tha cothroman ceannardais cunbhalach aig daoine òga, a’ gabhail a-steach a bhith nan Tosgairean Gàidhlig ann an AS6.
Tha luchd-obrach air poileasaidh a leasachadh air mar a bheirear taic do dhaoine òga le feumalachdan taice a bharrachd ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig. Bidh luchd-obrach a’ co-roinn an deagh chleachdaidh aig ìre ionadail agus nàiseanta.
Bidh luchd-obrach ag adhartachadh na Gàidhlig gu farsaing le bhith a’ dèanamh feum èifeachdach de na meadhanan sòisealta. Bidh iad a’ cumail prògram sònraichte gluasaid P7-AS1. Tha seo a’ gabhail a-steach ‘oidhche fàilte’ do phàrantan agus clann ann am P7.
Dè a’ bhuaidh sheasmhach a tha air a bhith ann
Tha an àireamh de dhaoine òga ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig a’ dol am meud bliadhna an dèidh bliadhna. Tha barrachd dhaoine òga a’ fuireach ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig mar a tha iad a’ dol air adhart tro fhoghlam àrd-sgoile. Tha na h-àireamhan a tha a’ dol air adhart gu Teisteanasan Nàiseanta tro mheadhan na Gàidhlig air a dhol suas. Tha daoine òga a’ leasachadh am fileantachd agus a’ leudachadh briathrachas sònraichte.
Tha Foghlam Meadhan Gàidhlig a-nis stèidhichte agus a’ fàs anns an àrd-sgoil. Bidh a’ mhòr-chuid de dhaoine òga ann an AS4 a’ coileanadh Nàiseanta 4 no Nàiseanta 5 Gàidhlig, Eachdraidh no Nuadh-eòlas. Tha cha mhòr a h-uile neach òg ann an AS4 a’ coileanadh litearrachd Ghàidhlig aig ìrean ceithir is còig ann am Frèam-obrach Creideasan is Teisteanasan na h-Alba.
Tha luchd-obrach agus daoine òga le Gàidhlig air am brosnachadh gu gnìomhach gus Gàidhlig a chleachdadh ann an uiread as motha de shuidheachaidhean ’s a ghabhas. Tha seo a’ gabhail a-steach airson conaltradh sòisealta. Bidh cleachdadh lainneardan agus bràistean Gàidhlig a’ toirt taic don Ghàidhlig a bhith ri faicinn agus ri cluinntinn. Tha Gàidhlig ri cluinntinn agus ga cleachdadh nas trice, mar eisimpleir anns an leabharlann agus gairmean fios làitheil agus air sgàileanan agus clàran taisbeanaidh air feadh na h-àrd-sgoile. Tha e soilleir bho fhreagairtean shuirbhidhean agus buidhnean fòcais gu bheil iarrtas bho dhaoine òga, pàrantan agus luchd-obrach a’ sìor fhàs airson Foghlam Meadhan Gàidhlig. Tha Gàidhlig a-nis nas freumhaichte ann am beatha agus obair na h-àrd-sgoile.
“Tha sinn air a bhith ag obair gu cruaidh gus cuspairean sòisealta a leasachadh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha daoine òga a’ cur luach air a’ chothrom cumail orra a’ cleachdadh na Gàidhlig às dèidh AS1-3. Tha misneachd dhaoine òga a’ dol am meud le bhith ag obair ann an com-pàirteachas leis a’ choimhearsnachd ionadail. Mar eisimpleir, le greisean gnìomhachais agus ceangal ri buidhnean carthannais ionadail ann an Eòlas Creideimh agus Moraltachd.”
Tidsear Chuspairean Sòisealta, Àrd-sgoil MhicNeacail
“Tha Àrd-sgoil MhicNeacail ag amas air eòlas dhaoine òga air cànan is cultar na Gàidhlig a chur am meud. Tha luchd-obrach a’ cruthachadh sàr eòlasan bogaidh ann an raon de shuidheachaidhean eadar-dhealaichte. Bidh iad a’ cuimseachadh air dreuchdan Gàidhlig san àm ri teachd. Tha daoine òga, pàrantan, luchd-obrach agus a’ choimhearsnachd air leth misneachail mun bhuaidh a tha aig Gàidhlig air coimhearsnachd na sgoile air fad. Thathas a’ cur luach mòr air a’ chànan agus an cultar. Tha obair ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig na fhìor thoileachas.”
Prìomh Thidsear Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Àrd-sgoil MhicNeacail