Foghlam Meadhan Gàidhlig
Read the version in English/Leugh an dreach Bheurla
Tha Foghlam Meadhan Gàidhlig mar roghainn taobh a-staigh foghlam ann an Alba a tha a’ toirt cothrom do chloinn agus do dhaoine òga a thighinn gu fileantachd ann an Gàidhlig. Mar a bhios clann agus daoine òga a’ gluasad bho ìre gu ìre, leanaidh iad orra a’ leasachadh an cuid fileantachd. Mar sin, tha iad a’ coileanadh amasan agus cinn-uidhe a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais uile agus a’ faighinn nam buannachdan uile a gheibhear bho dhà-chànanas?
Càite a bheil Foghlam Meadhan Gàidhlig ri fhaotainn?
ha Foghlam Meadhan Gàidhlig ri fhaotainn le clann agus daoine òga uile ann an 14 de na 32 ùghdarrasan ionadail ann an Alba. Bidh cuid de dh’ùghdarrasan a’ cleachdadh solar ùghdarrasan a tha nan nàbaidhean dhaibh gus iarrtasan phàrantan a choileanadh.
Tha Foghlam Meadhan Gàidhlig ri fhaotainn ann an suas ri 60 bun-sgoil ann an Alba agus na h-àrd-sgoiltean co-cheangailte riutha, a’ gabhail a-steach sgoiltean Meadhan Gàidhlig a dh’aon ghnothaich.
Tha an àireamh de dh’ionadan tràth-ionnsachaidh is cùram-chloinne, àrd-sgoiltean agus ionadan foghlaim adhartach a tha a’ solarachadh ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig a’ sìor-dhol am meud?
Tha mapaichean air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig a’ sealltainn far a bheil Foghlam Meadhan Gàidhlig ri fhaotainn ann an Alba.
Mur eil e comasach dhomh Gàidhlig a bhruidhinn, am faod mi fhathast Foghlam Meadhan Gàidhlig a roghnachadh airson mo phàiste?
Tha Foghlam Meadhan Gàidhlig airson a h-uile neach. Tha mòran den chloinn a tha ag ionnsachadh ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig nach eil à dachaighean far a bheil a’ Ghàidhlig air a labhairt. Tha cuid de chloinn a’ ruighinn ìre fileantachd sa Ghàidhlig san dachaigh agus a’ leantainn orra a’ leasachadh am fileantachd le bhith a’ taghadh Foghlam Meadhan Gàidhlig.
Ciamar agus cuin a tha Foghlam Meadhan Gàidhlig air a lìbhrigeadh?
Tha Foghlam Meadhan Gàidhlig a’ tòiseachadh ann an solar 3 – 5 no le cuid ann am P1, agus a’ leantainn tron bhun-sgoil agus an àrd-sgoil. Ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig tha cuimse sa chiad àite air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig gus am bi a’ chlann fileanta gu leòr sa chànan agus comasach an uair sin a chleachdadh thar gach cuspair agus earrann de dh’ionnsachadh. Tha an curraicealam air fad air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
Bidh cothroman cuideachd aig clann agus daoine òga an sgilean cànain a chleachdadh agus a leasachadh ann an raon de shuidheachaidhean taobh a-muigh na sgoile, agus a’ leantainn air adhart a’ faotainn aithne do an cuid ionnsachaidh is coileanaidh tro dhuaisean is theisteanasan.
Is urrainn Foghlam Meadhan Gàidhlig a bhith air a lìbhrigeadh ann an solar neo-cheangailte leithid sgoiltean Gàidhlig no sgoiltean Meadhan Gàidhlig. Ann an suidheachaidhean eile, tha solar Meadhan Gàidhlig air a lìbhrigeadh taobh ri taobh ri solar Meadhan Beurla fo cheannas an aon cheannaird-sgoile.
Carson a bu chòir dhomh mo phàiste a chur do sgoil Meadhan Gàidhlig?
Tha Foghlam Meadhan Gàidhlig aithnichte airson coileanadh soirbheachail agus àrd-chàileachdail às am bi daoine òga uile a’ faotainn buannachdan dà-chànanais air fad.
Tha an rannsachadh, ‘Foghlam Meadhan Gàidhlig ann an Alba: roghainn is coileanadh aig ìrean bun-sgoile agus tràth àrd-sgoile’ le Oilthigh Dhùn Èideann, a’ follaiseachadh gu bheil ìrean coileanaidh fìor àrd ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig. Tha an ìre àrd choileanaidh seo mar phrìomh tharraing do phàrantan ann a bhith a’ taghadh Foghlam Meadhan Gàidhlig.
Tha an aithisg a’ taisbeanadh cuideachd gu bheil daoine òga ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig a’ coileanadh aig ìre a cheart cho math ri an comhaoisean a tha ag ionnsachadh tro mheadhan na Beurla. Nochd i cuideachd gun robh clann agus daoine òga ag ionnsachadh tro Fhoghlam Meadhan Gàidhlig a’ coileanadh ìrean nas àirde a thaobh sgilean Beurla na an comhaoisean a bha ag ionnsachadh tro mheadhan na Beurla.
Sheall sgrùdadh eile le Oilthigh Shrath Chluaidh ann an com-pàirteachas ri Oilthigh Cagliari ann an Sardinia, gu bheil buannachdan aig dà-chànanas a tha a’ dol fada seachad air cànan agus a’ gabhail a-steach àireamhachd, fuasgladh cheistean agus comasachadh chloinne gu bhith a’ smaoineachadh gu cruthachail. Lorg an rannsachadh seo gu bheil briathrachas cloinne a tha dà-chànanach mòran nas saidhbhire na briathrachas cloinne den aon aois nach eil dà-chànanach. Lorg e cuideachd, bhon tha clann dà-chànanach cleachdte ri bhith ag atharrachadh bho aon chànan gu cànan eile agus a’ smaoineachadh ann an dà dhiofar chànan, gu bheil sin a’ toirt comas dhaibh fiosrachadh gun fheum a shìoladh às agus cuimseachadh air fiosrachadh a tha buntainneach agus cudromach.
Language and Cognition in Gaelic-English Young Adult Bilingual Speakers: A Positive Effect of School Immersion Programme on Attentional and Grammatical Skills – Tha an sgrùdadh seo mu bhogadh Gàidhlig san àrd-sgoil a’ toirt cunntas air a’ bhuaidh dheimhinnich a tha aig dà-chànanas air cànan agus sgilean inntinn.
Tha a’ Ghàidhlig a’ cur gu luachmhor ri foghlam, eaconamaidh, dualchas, cànan is cultar na h-Alba, mar chànan oifigeil ann an Alba.
Tha buannachdan seasmhach oideachail ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig, a tha a’ leantainn gu raon farsaing de chothroman dreuchd-beatha a tha brosnachail agus obrachail, do dhaoine òga aig a bheil teisteanasan ann an Gàidhlig.
Ciamar a gheibh mi cothrom air Foghlam Meadhan Gàidhlig airson mo phàiste?
Nam bu mhath leibh ur cuid chloinne a bhith air an teagasg tro Fhoghlam Meadhan Gàidhlig, cuiribh fios chun ùghdarras ionadail agaibh.
Tha Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 a’ stèidheachadh pròiseas a bheir cothrom do phàrantan iarrtas a chur chun ùghdarras ionadail aca airson Foghlam Meadhan Gàidhlig Bun-sgoile (GMPE).
Tha Bileag Iarrtais GMPE ri fhaotainn air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba.
Tha Stiùireadh Reachdail air a bhith air a chur an cèill fo Earrann 9 de Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha dà earrann ann. Tha Earrann 1 a’ tabhann Stiùireadh a tha gu sònraichte co-cheangailte ri Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016. Tha Earrann 2 a’ tabhann Stiùireadh mu dè a bu chòir do phàrantan a bhith a’ sùileachadh bho GME ann an sgoiltean.
Càite am faigh mi tuilleadh fiosrachaidh?
- Comann nam Pàrant – Lìonra pàrantail a tha a’ solarachadh taic agus comhairle mu gach taobh de Fhoghlam Meadhan Gàidhlig.
Aithisg Bhliadhnail Chomann nam Pàrant (Nàiseanta) airson 2020/21. - Tha bhidio Chomhairle na Gàidhealtachd, “Educational Growth”a’ mìneachadh nam buannachdan a tha an lùib Foghlam Meadhan Gàidhlig agus dà-chànanas.
- Bòrd na Gàidhlig – Chruthaich Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a’ bhuidheann reachdail seo, air a bheil dleastanas gu bhith ag adhartachadh cleachdadh air agus tuigse do chànan, chultar agus fhoghlam na Gàidhlig.
- Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig – Is e buidheann maoinichte leis an riaghaltas a tha seo, a tha a’ solarachadh leabhraichean, ghoireasan, taic agus comhairle do dhaoine òga agus do thidsearan ann am Foghlam Gàidhlig. Tha an làrach-lìn a’ toirt taic do phàrantan chloinne a tha ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig, a’ gabhail a-steach comhairle beò air obair-dachaigh.
- Comhairle nan Leabhraichean – Raon fharsaing de leabhraichean agus CDan ri fhaotainn tron làraich-lìn aca, no le bhith a’ tadhal sa bhùth ann an Glaschu.
- Tha làrach-lìn Gaelic4parents a’ tabhann taic bheò air-loidhne airson obair-dachaigh Foghlam Meadhan Gàidhlig thar chuspairean. Tha an làrach-lìn ag amas air misneachd phàrantan a thogail a thaobh Foghlam Meadhan Gàidhlig, gu sònraichte mur eil e comasach dhaibh fèin a’ Ghàidhlig a bhruidhinn no ma tha iad ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha leabhraichean èisteachd air an làrach-lìn cuideachd airson tlachd a thoirt agus mar phàirt de sgeamaichean leughaidh a bhios air an chleachdadh ann an sgoiltean Foghlam Meadhan Gàidhlig.
- Tha raon de fhiosrachadh mu Foghlam Meadhan Gàidhlig air làrach-lìn Comhairle nan Eilean Siar. Tha seo a’ gabhail a-steach a’ bhidio seo mu na buannachdan a tha an cois Foghlam Meadhan Gàidhlig, agus comhairle fheumail eile.
Sgrìobhainnean Co-cheangailte
- Comann nam Pàrant - Comann nam Pàrant, a’ bhuidheann nàiseanta a tha a’ toirt comhairle agus taic do phàrantan/luchd-cùraim na cloinne a tha ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig (GME), a tha air litir-naidheachd fhoillseachadh o chionn ghoirid.
- Taic do ionnsachadh an leanaibh agad – Faigh a-mach mu bheachdan sìmplidh a thaobh a bhith a’ toirt taic do ionnsachadh an leanaibh agad aig an dachaigh agaibh ann an Gàidhlig agus Beurla.
Làraich-lìn eile
- The Scottish Voice - Scottish Computer Voices - Guthan coimpiutair an-asgaidh ann an Albais agus Gàidhlig, airson coimpiutairean Windows agus Macintosh.
- Gaelic 4 parents - Làrach-lìn airson phàrantan agus clann aig a bheil ùidh agus a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig, a’ gabhail a-steach taic bheò air-loidhne le obair-dachaigh agus riochd claistinneach de leabhraichean leughaidh chloinne.
- Gaelic4Parents - Leabhraichean claistinneach - Èist ri clàraidhean de sgeulachdan na cloinne air fad a tha rim faotainn sa Ghàidhlig tron sgeama Bookbug.