Last Updated: Thursday, March 09, 2023

Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig

What is this?

Tha a’ Chomhairle seo a’ toirt seachad fiosrachadh cudromach mun cho-theacsa nàiseanta, agus cunntas air na cleachdaidhean as fheàrr gus taic a thoirt do dh’àrd-stiùirichean, luchd-obrach agus ùghdarrasan foghlaim airson sgrùdadh agus planadh airson leasachadh ann am Foghlam Gàidhlig.

Who is this for?

Bidh ùidh shònraichte aig àrd-stiùirichean, luchd-obrach ann am Foghlam Gàidhlig agus ùghdarrasan ionadail anns a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig. Bidh Luchd-sgrùdaidh na Banrigh a’ cleachdadh na Comhairle airson taic a thoirt do ghnìomhan sgrùdaidh.

Tha a’ Chomhairle seo e stèidhichte air fianais bho sgrùdaidhean, lèirmheasan agus fèin-luachadh dearbhte, a’ gabhail a-steach gach raon de dh’Fhoghlam Gàidhlig agus còmhraidhean eile le raon farsaing de luchd-ùidhe.

See English version.

Ciamar a thèid an goireas fèin-luachaidh seo a chleachdadh gus obair a leasachadh?

Bu chòir a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig a chleachdadh còmhla ris na frèamaichean-obrach càileachd Dè cho math ’s a tha...? airson an cur ann an co-theacsa raon na Gàidhlig. Tha na frèamaichean-obrach seo a’ cur an cèill na h-inbhean a bhios sinn a’ cleachdadh gus measadh agus aithris a dhèanamh air càileachd agus leasachadh ann am foghlam ann an Alba.

Seo beagan cheistean beachdail airson taic a chur ri còmhradh proifeiseanta agus cuideachadh gus fòcas fèin-mheasaidh agus leasachadh a chur air Gàidhlig.

  • Dè an ìre ’s gu bheil àrd-stiùirichean agus luchd-obrach a’ dol an sàs gu breithneachail anns a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig agus toraidhean sgrùdaidh gus na builean aca airson clann is daoine òga a leasachadh?
  • Ciamar a nì sinn cinnteach gu bheil leasachadh solar airson na Gàidhlig aig cridhe gnìomhachd fèin-mheasaidh agus na phàirt de phlanadh buadhmhor, ro-innleachdail airson leasachaidh?
  • Dè na dòighean-obrach againn airson coileanadh a thogail agus a’ bheàrn ruigsinneachd a tha ceangailte ri bochdainn a dhùnadh thar gach raon den churraicealam?
  • Ciamar a tha sinn a’ cleachdadh na tuigse againn air co-theacsa sòisealta, eaconamach agus cultarach na sgoile gus cur ri agus cruthachadh planadh airson leasachadh?
  • Dè na dòighean anns am bi sinn a’ cruinneachadh agus a’ toirt aire air sreath de fhianais air càileachd a’ bhogaidh a bhios sinn a’ solarachadh?
  • Dè tha sinn a’ dèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil ionnsachadh agus teagasg gu cunbhalach aig ìre de dh’àrd-chàileachd?
  • Dè cho èifeachdach ’s a tha ar cleachdadh nan teicneòlasan didseatach gus ionnsachadh a mheudachadh, an curraicealam a lìbhrigeadh agus sgilean airson ionnsachadh, beatha agus obair a leasachadh?
  • Dè an coltas a th’ air co-ionannachd agus cothromas airson clann agus òganaich ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig?
  • Tha Inbhean Proifeasanta Comhairle Coitcheann Teagaisg na h-Alba a’ buntainn ri Foghlam tro Mheadhan na Beurla agus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, le ceithir iomraidhean sònraichte air a’ Ghàidhlig thar nan inbhean. Ciamar a bhios sibh gam fighe a-steach san t-suidheachadh agaibh?

Luchdaidhean a-nuas

Am Màrt 2022 Rinn sinn atharrachaidhean beaga ris a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig le bhith ag ùrachadh iomraidhean ceangailte ri tìm; a’ cur fiosrachadh nas mionaidiche mu reachdas airson Gàidhlig ri earrann 2 agus a’ cur fiosrachadh nas mionaidiche mu mheasadh ri Earrann 7.11.

Faidhle PDF: Comhairle mu Fhoghlam Gaidhlig - May 2022 (1.2 MB)

Faodaidh sibh cuideachd a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig fhaighinn ann an earrannan fa-leth:

Faidhle PDF: 1. Ro-ràdh (504 KB)

Faidhle PDF: 2. Reachdas (604 KB)

Faidhle PDF: 3. Poileasaidh (585 KB)

Faidhle PDF: 4. Foghlam Meadhan Gàidhlig (690 KB)

Faidhle PDF: 5. Ag obair còmhla ri pàrantan (506 KB)

Faidhle PDF: 6. Ionnsachadh proifeiseanta fad dhreuchd (987 KB)

Faidhle PDF: 7. làn-bhogadh, a’gabhail a-steach measadh (697 KB)

Faidhle PDF: 8. An ìre-bogaidh (bogadh san Fhoghlam Fharsaing Choitcheann bho deireadh P3/toiseach P4 suas) (733 KB)

Faidhle PDF: 9. Irean àrd-sgoile (654 KB)

Faidhle PDF: 10. A’ leasachadh fileantachd le prògram air a dhealbh airson cànan, gràmar agus briathrachas (600 KB)

Faidhle PDF: 11. A’ gluasad air adhart (592 KB)

Faidhle PDF: 12. Modh-obrach 1+2 a thaobh Ionnsachadh Cànain (505 KB)

Faidhle PDF: 13. A’ cruthachadh feallsanachd airson na Gàidhlig ann an sgoiltean tro Mheadhan na Gàidhlig is ann an suidheachaidhean eile (601 KB)

Faidhle PDF: 14. Luchd-ionnsachaidh le feumalachdan a-bharrachd (600 KB)

Faidhle PDF: 15. Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (504 KB)

Faidhle PDF: 16. Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig: curraicealam 3-18 agus Ionnsachadh Cànain ann an Alba: Modh-obrach 1+2 (711 KB)

Faidhle PDF: 17. Ag ionnsachadh mu chànan is mu chultar na Gàidhlig (575 KB)

Taisbeanaidhean agus Goireasan Ionnsachadh Proifeiseanta

PowerPoint file: Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig - Prìomh fhiosrachadh (2.4 MB)

Faidhle PDF: Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig - Prìomh fhiosrachadh (1.2 MB)

Faidhle file: Bogadh Dr Anndra Oilthigh Dhùn Èidinn (663 KB)