An sgèile sia-puing
Is e inneal a tha san sgèile sia-puing airson a bhith a’ rangachadh nan slatan tomhais deagh-ghnè. Is e Foghlam Alba, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean riaghlaidh eile as motha a bhios ga chleachdadh, gus tomhas an measaidh nàiseanta agus/no ionadail a shuidheachadh thar ghrunnan bhuidhnean stèidhichte. Chan eil e deatamach do Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (ILC) iad fhèin a thomhas a rèir na sgèile sia-puing ged a dh’fhaodadh iad roghnachadh sin a dhèanamh. Bu chòir a bhith mothachail, an uair a thèid rangachadh a chur an sàs gu bheil e airson nan slatan-tomhais deagh-ghnè air fad. Cha bu chòir cuspairean fa leth a bhith air an rangachadh. Ann am foghlam, faodar luachadh a dhèanamh ann an raon de cho-theacsan. Feumaidh sinn a bhith mothachail gum bi ìrean duaiseachaidh a tha a’ cleachdadh sgèile càileachd an-còmhnaidh nas motha na sgil phroifeiseanta seach a bhith na phròiseas teicnigeach. Ach, bu chòir na stiùiridhean a leanas a bhith air an cleachdadh gu cunbhalach.
Tha luachadh de sàr mhath a’ ciallachadh gu bheil an fheart seo de dh’obair ILC sàr-mhath agus air thoiseach san earrann. Tha fèin-fhiosrachaidhean agus coileanaidhean na cloinne agus nan daoine òga air fad de chàileachd air leth àrd. Tha luachadh de shàr mhath a’ riochdachadh inbhe solair air leth a tha mar eisimpleir air a’ chleachdadh as fheàrr, stèidhichte air a bhith a’ coileanadh co-ionannachd agus in-ghabhail agus tuigse dhomhain phroifeiseanta a tha air a cho-roinn nas fharsaing na an sgoil gus taic a thoirt do leasachadh a tha air feadh an t-siostaim. Tha e a’ nochdadh gu bheil ìrean air leth àrda de choileanadh seasmhach agus gun tèid an cumail suas.
Tha luachadh de glè mhath a’ ciallachadh gu bheil neartan cudromach san fheart seo de dh’obair na sgoile. Tha glè bheag de raointean ann a tha feumach air leasachadh agus chan eil feumalachdan sam bith a tha ann a’ lùghdachadh fèin-fhiosrachaidhean an luchd-ionnsachaidh ann an dòigh chudromach sam bith. Tha measadh de glè mhath a’ riochdachadh inbhe àrd de sholair airson na cloinne agus nan daoine òga air fad agus na inbhe a bu chòir a bhith comasach do na h-uile a choileanadh. Thathar a’ sùileachadh gun lean an ILC orra a’ dèanamh feum de fhèin-luachadh gus tuilleadh leasachaidhean a phlanadh agus gun lean iad orra a chùm a bhith a’ leasachadh agus a’ coileanadh chun na h-ìre sàr mhath.
Tha luachadh de math a’ ciallachadh gu bheil neartan cudromach ann an obair ILC ach tha cuid de thaobhan a tha feumach air leasachadh. Tha buaidh a tha gu math deimhinneach aig na neartan air cha mhòr a h-uile leanabh agus neach òg. Tha càileachd fèin fhiosrachaidhean luchd-ionnsachaidh air a lùghdachadh ann an dòigh le feartan a tha feumach air a bhith air an leasachadh. Tha e a’ gabhail a-steach gum bu chòir dhan sgoil a bhith a’ sireadh dhòighean gus tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air raointean de neart chudromach, agus a bhith gnìomhach ann a bhith a’ dèiligeadh ri raointean a tha feumach air leasachadh.
Tha luachadh de riarachail a’ ciallachadh gu bheil na neartan a tha san fheart seo de dh’obair ILC dìreach beagan nas fheàrr na na laigsean. Tha e a’ comharrachadh gu bheil cothrom aig an luchd-ionnsachaidh air solair a tha aig ìre gu math bunaiteach. Tha e a’ riochdachadh inbhe far a bheil buaidh dheimhinneach air a bhith aig na neartan air fèin-fhiosrachaidhean an luchd-ionnsachaidh. Ged nach eil na laigsean cudromach gu leòr gus droch bhuaidh shusbainteach a thoirt, tha iad a’ cur bacadh air càileachd fèin-fhiosrachaidhean an luchd-ionnsachaidh san fharsaingeachd. Feumaidh an sgoil a bhith gnìomhach ann a bhith a’ dèiligeadh ri raointean anns a bheil laigsean le bhith a’ togail air a neartan.
Tha luachadh de lag a’ ciallachadh gu bheil laigsean cudromach san fheart seo de dh’obair ILC. Ged a dh’fhaodadh gu bheil beagan neart ann, tha na laigsean cudromach, leotha fhèin no còmhla, mòr gu leòr gus fèin-fhiosrachaidhean an luchd-ionnsachaidh a lùghdachadh ann an dòighean susbainteach. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil feum aig ILC air gnìomh luath, structaraichte agus air a phlanadh a chur an sàs.
Tha luachadh de neo-riarachail a’ ciallachadh gu bheil laigsean mòra san fheart seo de dh’obair na sgoile a dh’fheumas dèiligeadh riutha sa bhad. Tha fèin-fhiosrachaidhean an luchd-ionnsachaidh ann an cunnart ann an dòighean susbainteach. Cha mhòr anns a h-uile cùis, nach fheum seo taic bho àrd mhanaidsearan ann a bhith a’ planadh agus a’ coileanadh nan gnìomhan a tha riatanach a thaobh leasachadh a choileanadh. Mar as trice bidh seo a’ ciallachadh gum feumar a bhith ag obair còmhla ri luchd-obrach eile ILC no ann am buidhnean eile.
Sgèile 6 |
sàr-mhath |
sàr-mhath agus air thoiseach san earrann |
Sgèile 5 |
glè mhath |
neartan cudromach |
Sgèile 4 |
math |
neartan cudromach le taobhan feumach air leasachadh |
Sgèile 3 |
riarachail |
neartan dìreach beagan nas fheàrr na na laigsean. just |
Sgèile 2 |
lag |
laigsean cudromach san fheart |
Sgèile 1 |
neo-riarachail |
laigsean mòra |