5.1 Lèirsinn, cultar agus seòladh

Published 22/10/2021.  Last updated 27/10/2023
categoryGaelic categoryLeadership

Leadership and Direction tile highlightCuspairean:

  • Lèirsinn, luachan is cuimsean
  • Cultar, ethos agus cothromas
  • A’ treòrachadh agus a’ lìbhrigeadh atharrachadh

Sgead-dhealbh ìre 5:

Lèirsinn, luachan is cuimsean

Tha an lèirsinn, luachan is cuimsean againn air an cur an cèill gu soilleir, tha iad àrd-amasach agus tha iad a rèir phrìomhachasan ionadail, roinneil agus nàiseanta. Tha iad a’ cruthachadh pàirt shoilleir agus cho-chrochach den lèirsinn nas fharsainge airson planadh coimhearsnachd. Tha iad fiosraichte le co-theacsa sòisealta, eaconamach agus cultarach nan coimhearsnachdan againn. Tha luchd-ionnsachaidh, coimhearsnachdan, saor-thoilich agus luchd-obrach a’ cluiche pàirt chudromach ann a bhith gan leasachadh. Thathar ag ath-bheachdachadh air lèirsinn, luachan is cuimsean gu cunbhalach gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ cumail orra a’ coileanadh gach cuid feumalachdan atharrachail agus feuman a tha ag èirigh. Tha deagh chonaltradh mun deidhinn, agus tha iad a’ toirt stiùireadh do fhaireachdainn cho-phàirtichte mu sheòladh airson CLD. Tha iad air an neartachadh le luachan leithid fèin-ùghdarras, in-ghabhaltachd, cumhachdachadh, obair cho-obrachail agus cur air adhart ionnsachadh mar ghnìomhachd fhad-bheatha.

Cultar, ethos agus cothromas

Tha cultar làidir againn de chumhachdachadh, sìor-leasachadh agus ùr-ghnàthachadh. Tha an lèirsinn, luachan, cuimsean agus amasan againn a’ cur air adhart co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhaltachd. Tha iad a’ toirt taic do luchd-ùidhe gus dùbhlan a thoirt do chlaon-bhreith. Tha iad a’ dearbhadh ethos is gealltanas co-phàirtichte gus na h-inbhean as àirde a ghabhas ruigsinn a choileanadh. Tha tuigse cho-phàirtichte againn air an àrd-amas againn gum bithear a’ meudachadh cothromas air chor ’s gum faod a h-uile coimhearsnachd agus neach-ionnsachaidh a bhith a’ soirbheasachadh. Tha sinn a’ cur air adhart soirbheas airson cha mhòr a h-uile neach-ionnsachaidh agus coimhearsnachd gun amhail do chul-raon eaconamach, sòisealta no cultarach. Tha ceannardas èifeachdach aig a h-uile ìre a’ toirt taic do luchd-obrach, luchd-pàirt, luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachdan a bhith a’ faireachdainn gu bheil meas ga chur orra, a bhith ùr-ghnàthach agus a bhith ag obair còmhla gu math gus na builean deimhinneach a choileanadh a tha air an cur an cèill san lèirsinn againn.

A’ treòrachadh agus a’ lìbhrigeadh atharrachadh

Tha na ceannardan againn a’ coimhead a-mach agus air adhart. Tha sinn a’ freagairt ri dùbhlain agus cothroman, agus tha sinn planadh gu math air an son. Tha sinn a’ stiùireadh planadh, lìbhrigeadh agus astar atharrachaidhean gu h-èifeachdach, a’ gabhail a-steach atharrachadh a tha bras agus gun dùil. Cha mhòr daonnan, tha na pròiseasan airson atharrachadh glè mhath gu toirt fa-near feumalachdan, cunnartan agus cothroman, agus bidh iad a’ dèanamh co-chothromachadh eatorrasan. Tha ceannardan ag ùisneachadh raon de dhòighean-obrach gus conaltradh a dhèanamh gu math ri luchd-ionnsachaidh, coimhearsnachdan, saor-thoilich, luchd-obrach agus luchd-ùidhe nas fharsainge a thaobh treòrachadh agus brosnachadh atharrachadh. Tha luchd-obrach agus saor-thoilich aig a h-uile ìre a’ gabhail barrachd is barrachd uallaich airson atharrachadh a chur an gnìomh agus a bhrosnachadh. Aig a h-uile ìre, tha sinn air ar cumhachdachadh a bhith ùr-ghnàthach agus a bhith a’ toirt riosgan fiosraichte, stiùirichte mar fhreagairt ri atharrachadh. Thathar air pròiseasan soilleir agus èifeachdach a stèidheachadh gus sùil a chumail gach cuid air mar a thathar a’ lìbhrigeadh atharrachadh agus air a’ bhuaidh a thig às, agus gus solar a fhreagarrachadh air chor ’s gum bithear a’ coileanadh feumalachdan luchd-ionnsachaidh agus choimhearsnachdan.

Ceistean dùbhlain:

  1. Dè cho àrd-amasach agus dùbhlanach ’s a tha ar lèirsinn, luachan is cuimsean?
  2. A bheil ar lèirsinn, luachan, cuimsean agus amasan soilleir agus co-chrochach ri prìomhachasan ionadail, roinneil agus nàiseanta? A bheil iad a rèir nam prìomhachasan nas fharsainge airson planadh coimhearsnachd?
  3. Dè cho math ’s a tha ar lèirsinn, luachan, cuimsean agus amasan air an cumadh leis a’ cho-theacsa shòisealta, eaconamach agus chultarach sna coimhearsnachdan againn agus le beathannan nan daoine leis am bi sinn ag obair?
  4. Dè cho soirbheachail ’s a tha ar lèirsinn, luachan agus cuimsean a’ toirt taic dhuinn gus co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhaltachd a chur air adhart?
  5. Dè cho math ’s a tha sinn a’ leasachadh, a’ lìbhrigeadh agus a’ cumail suas cultar làidir de chumhachdachadh, leasachadh agus ùr-ghnàthachadh?
  6. Dè cho math ‘s a tha sinn air ethos co-phàirtichte a leasachadh a tha gar cur an geall a bhith a’ coileanadh nan inbhean as àirde a ghabhas ruigsinn? A bheil an ethos co-phàirtichte againn a’ comasachadh soirbheas airson cha mhòr a h-uile neach-ionnsachaidh is coimhearsnachd gun amhail do an cùl-raon eaconamach, sòisealta no cultarach?
  7. Dè cho èifeachdach ‘s a tha sinn a’ toirt taic do luchd-obrach, saor-thoilich, luchd-pàirt agus coimhearsnachdan air chor ’s gum bi iad a’ faireachdainn gu bheilear a’ toirt meas dhaibh agus gum bi iad ag obair ri chèile gus na buaidhean deimhinneach a choileanadh mar a chaidh a chur an cèill san lèirsinn againn?
  8. Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn a’ treòrachadh na buidhne againn tro atharrachadh a chaidh a phlanadh no ris nach robh dùil?
  9. Dè cho math ’s a tha sinn a’ conaltradh ri luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-pàirt aig a h-uile ìre gus atharrachadh ro-aithneachadh agus plana a dhèanamh air a shon?
  10. Dè cho èifeachdach ’s a tha sinn ann a bhith a’ comharrachadh agus a’ freagairt ri feumalachdan a tha ùr no a tha ag èirigh?