Ro-ràdh

Published 22/10/2021.  Last updated 27/10/2023
categoryGaelic

Tha HGIOCLD na phàirt de phasgan de fhrèamaichean-obrach càileachd a chaidh a leasachadh le Foghlam Alba agus am Frèam-obrach Eòrpach airson Càileachd Rianachd (EFQM). Tha e a’ cur cuideam air ceannardas agus solar de dh’àrd càileachd mar chomasaichean a dhleasas toraidhean sàr-mhath a thaobh bhuilean deimhinneach don chloinn agus dhaoine òga air fad agus coimhearsnachdan. Tha na frèamaichean-obrach seo a’ cur an cèill na h-inbhean a bhios sinn a’ cleachdadh gus measadh agus aithris a dhèanamh air càileachd agus leasachadh ann am foghlam ann an Alba. Bidh gach frèam-obrach a’ gabhail a-steach seata de shlatan-tomhais deagh-ghnè a bhios Luchd-sgrùdaidh na Banrigh a’ cleachdadh ann an sgrùdaidhean agus lèirmheasan. Bidh na frèamaichean-obrach gan cur gu feum le luchd-cleachdaidh, manaidsearan agus ceannardan gus measadh, luachadh agus aithris a dhèanamh air càileachd agus leasachadh.

Tha am frèam-obrach a’ toirt fa-near don phrìomh reachdas, phoileasaidhean agus ro-innleachdan a bhios a’ toirt buaidh air luchd-ionnsachaidh is coimhearsnachdan ann an Alba. Tha na slatan-tomhais deagh ghnè air an dealbhachadh gus a bhith a’ nochdadh a’ cho-theacsa, a tha a’ sìor-leasachadh gu luath, sa bheil an raon CLD ag obair, a’ gabhail a-steach mar a tha an uimhir de ghnìomhan ionnsachaidh is leasachaidh a tha air-loidhne, no nan co-mheasgachadh de air-loidhne is far-loidhne, a’ sìor-dhol am meud. Tha fòcas anns an fhrèam-obrach air co-ionannachd, in-ghabhaltachd, sunnd agus còraichean, a’ toirt fa-near, am measg chuspairean eile a tha a’ putadh ghnothaichean air adhart, Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean na Cloinne (UNCRC). Tha e a’ cumail fòcas air mar a dh’fhaodar a’ bheàrn ann an coileanadh a dhùnadh eadar iadsan a tha a’ fulang an anacothruim as motha agus an co-aoisean. Tha e a’ toirt fa-near don ghluasad a dh’ionnsaigh barrachd cumhachdachadh choimhearsnachdan. Tha e a’ toirt taic do sholaraichean gus obair a dhèanamh ann an com-pàirteachas le coimhearsnachdan airson dèiligeadh ri prìomhachasan ionadail, a’ gabhail a-steach dèiligeadh ri anacothroman air an cruthachadh le bochdainn.

Tha an HGIOCLD seo na cheathramh eagran den fhrèam-obrach. Tha an t-eagran seo a’ togail air eagranan a rinneadh roimhe, agus gabhaidh a chleachdadh gach cuid le luchd-cleachdaidh CLD agus leothasan a tha a’ cleachdadh mhodhannan CLD taobh a-staigh an cuid obrach. Bu chòir gum bi seirbheisean, buidhnean agus com-pàirteachasan (partnerships), gach cuid san raon shaor-thoileach agus san raon phoblach, a’ cleachdadh nan slatan-tomhais deagh ghnè gus fèin-luachadh a ghabail os làimh gu cunbhalach agus gu leantainneach. Bidh seo gan cuideachadh gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air na neartan is raointean leasachaidh taobh a-staigh an cuid cleachdaidh is solair CLD.

Tha HGIOCLD stèidhte mu sheata de shlatan-tomhais deagh ghnè, agus gach fear dhiubh a’ fòcasachadh air raon leasachaidh sònraichte. Chaidh an cur ann am buidhnean fo thrì cinn: coileanadh agus builean (performance and outcomes); rianachd agus lìbhrigeadh (management and delivery); agus ceannardas agus seòladh (leadership and direction). Tha gach slat-tomhais deagh ghnè a’ gabhail a-steach:

  • Aithris choitcheann agus trì cuspairean gus mìneachadh a thoirt seachad air dè na raointean ris a bheil i a’ dèiligeadh;
  • Sgead-dhealbhan a tha a’ sealltainn cò ris a dh’fhaodadh fìor dheagh chleachdadh a bhith coltach airson gach cuspair; agus
  • Seata de cheistean dùbhlain gus deasbad a bhrosnachadh.

A bharrachd air na slatan-tomhais deagh ghnè, tha am frèam-obrach cuideachd a’ gabhail a-steach raon de dh’uidheaman a bhios gad chuideachadh gus a chur gu feum. Tha iad seo a’ gabhail a-steach tuilleadh fiosrachaidh air:

Chaidh am frèam-obrach seo a dhealbhadh sa mhòr-chuid mar uidheam air-loidhne. Bidh Luchd-sgrùdaidh na Banrigh ga ath-sgrùdadh gach bliadhna gus dèanamh cinnteach gu bheil e a’ comharrachadh a’ chleachdaidh as fheàrr agus gus uidheaman no ceanglaichean a bharrachd a chur ris.

Faidhle PDF: Dè cho math ’s a tha an t-Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd againn? - Eagran 4 (567 KB)

Geàrr-chunntas air slatan-tomhais deagh ghnè

Faidhle PDF: Geàrr-chunntas air slatan-tomhais deagh ghnè (132 KB)