Dealbhan-sgeidse - a’ co-roinn feartan cleachdaidh fìor èifeachdach bho sgrùdaidhean air roinn na Gàidhlig

Published 27/06/2023.  Last updated 09/12/2024

The English version of the website is available here.

Tha na dealbhan-sgeidse seo air an dealbhadh gus conaltradh proifeiseanta a bhrosnachadh, buaidh a thoirt air atharrachadh agus taic a thoirt do phlanadh leasachaidh.

Tha ceistean dùbhlain ann gus taic a thoirt do chonaltradh proifeasanta.

Bu chòir do luchd-cleachdaidh a tha feumach air barrachd fiosrachaidh agus co-theacsa coimhead air Aithisgean Sgrùdaidh na Banrigh, geàrr-chunntas air toraidhean sgrùdaidh agus foillseachaidhean eile a thaobh na Gàidhlig.

Dealbhan-sgeidse cuspaireil

Bidh dealbhan-sgeidse cuspaireil a’ tarraing air grunn sgrùdaidhean gus geàrr-chunntas a dhèanamh air, agus feartan de chleachdadh èifeachdach a nochdadh.

Làn-bhogadh thar nan Tràth-bhliadhnaichean ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig

Ceistean Dùbhlain

  • Dè an t-oide-eòlas èifeachdach a bhios tu a’ cleachdadh airson làn-bhogadh?
  • Ciamar a nì thu cinnteach à eadar-obrachadh cunbhalach, de dh’àrd-chàileachd, mar phàirt de dh’eòlasan a tha air an tòiseachadh le clann, air an tòiseachadh le inbhich agus air an stiùireadh le inbhich gus am bi clann a’ cluinntinn, a’ togail agus a’ cleachdadh na Gàidhlig?
  • Ciamar a nì thu cinnteach gum bi co-theacsaichean cluiche làn-bhogaidh gan ùrachadh gu cunbhalach gus am bi ionnsachadh na cloinne adhartach, dùbhlanach agus a’ brosnachadh feòrachas?
  • Dè na cleachdaidhean a th’ anns an t-suidheachadh làn-bhogaidh a bheir misneachd do chlann ann a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachaidhean eòlach?
  • Dè cho math ’s a tha na h-àrainneachdan ionnsachaidh, a-staigh agus a-muigh, a’ toirt taic do dhiofar sheòrsaichean de dh’eòlasan cluiche làn-bhogaidh gus fileantachd sa Ghàidhlig, eòlas, sgilean agus tuigse na cloinne a leasachadh?
  • Dè cho math ’s a tha am fiosrachadh a chruinnicheas tu mu adhartas chloinne a’ toirt fiosrachadh do phlanadh geàrr-ùine agus fad-ùine den ionnsachadh agus na h-ath cheumannan?
  • Ciamar a tha thu a’ cleachdadh ‘A’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig’ airson fèin-luachadh agus planadh leasachaidh?
  • Dè cho math ’s a tha thu a’ toirt taic do, agus a’ leasachadh, com-pàirteachadh phàrantan agus ionnsachadh teaghlaich? Ciamar a tha pàrantan/luchd-cùraim air am brosnachadh agus air am fiosrachadh gus an urrainn dhaibh taic èifeachdach a thoirt do chleachdadh cànain san dachaigh?

PDF file: Dealbh Sgeidse 1 Làn Bhògadh Tràth Ìre (4 MB)

Làn-bhogadh Gàidhlig sa Bhun-sgoil

Ceistean Dùbhlain

  • Dè na prionnsabalan a th' agad, agus na gnìomhan a nì thu gus dèanamh cinnteach gu bheil ionnsachadh, teagasg agus làn-bhogadh an-còmhnaidh de chàileachd àrd, an dà chuid a-staigh agus a-muigh?
  • Thar ìrean, dè an cuibhreann den churraicealam a bhios luchd-ionnsachaidh a’ faighinn tron Ghàidhlig, mura bi an curraicealam gu lèir? Dè cho math ’s a tha seo a’ toirt deagh bhuaidh air togail cànain chloinne agus dhaoine òga agus adhartas anns na sgilean?
  • Dè cho math ’s a tha luchd-obrach a’ faighinn cothrom air agus a’ cleachdadh thoraidhean bho dheagh rannsachadh foghlaim gus ionnsachadh agus teagasg a leasachadh? Dè cho math ’s a tha luchd-obrach ag obair le co-obraichean taobh a-staigh agus taobh a-muigh na sgoile gus aontachadh dè na h-ìrean air am bithear ag amas?
  • Ann an sgoiltean dà-chànanach, dè cho math ’s a tha Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air fhighe a-steach tarsainn a’ churraicealaim agus a cho-theacsa? A bheil cothrom cunbhalach aig clann agus daoine òga air ionnsachadh, cluinntinn agus cleachdadh na Gàidhlig?
  • Dè cho soirbheachail ’s a tha clann agus daoine òga an sàs ann an cothroman coileanaidh, a’ gabhail a-steach tachartasan agus gnìomhan sa choimhearsnachd far an urrainn dhaibh an sgilean sa Ghàidhlig a chleachdadh?
  • Dè cho math ’s a tha thu ag obair ann an com-pàirteachas le solaraichean eile agus pàrantan gus taic a thoirt do chlann le eadar-ghluasadan?

PDF file: Dealbh Sgeidse 2 Làn-Bhogadh Bun-Sgoiltean (4 MB)

Àrd-sgoiltean le Bogadh Gàidhlig

Ceist Dùbhlain

  • Dè cho math ’s a tha daoine òga a’ faighinn air adhart gu teisteanasan aig ceann shuas na h-àrd-sgoile ann an litearrachd, àireamhachd, agus slàinte is sunnd, cuspairean, raointean curraicealaim, coileanadh pearsanta agus ann an ionnsachadh eadar-chuspaireil?
  • Dè cho math ’s a tha fileantachd, gràmar agus briathrachas speisealta dhaoine òga a’ tighinn air adhart agus iad a’ gluasad tro ìrean na h-àrd-sgoile?
  • Ciamar a bhios tu a’ cumail sùil air fileantachd, coileanadh dhaoine òga agus gu bheil gu leòr ionnsachaidh aca tron Ghàidhlig? Dè cho math ’s a tha daoine òga a’ coileanadh mar phàirt de Dhùbhlan Coileanaidh na h-Alba?
  • Ciamar a tha thu ag ullachadh airson modhan-obrach uile-choitcheann agus cuimsichte gus taic a thoirt do dhaoine òga nan cuid ionnsachaidh? Dè an diofar a tha iad sin a’ dèanamh?
  • Ciamar a tha com-pàirtichean agus gnìomhan beairteach a’ toirt comas do dhaoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an raon de dhòighean fìor agus co-leantaileach anns na coimhearsnachdan ionadail agus air-loidhne?
  • Dè cho math ’s a tha an sgoil a’ brosnachadh slighean pearsanta dhaibhsan ann am Foghlam Meadhan Gàidhlig, a’ gabhail a-steach roghainnean dreuchdail agus le bhith a’ cleachdadh teicneòlas didseatach?
  • Dè cho math ’s a tha com-pàirtichean, leithid Leasachadh Sgilean na h-Alba, ag innse do luchd-ionnsachaidh air fad mu na cothroman dreuchdail sa Ghàidhlig agus na ceumannan gu ruige cinn-uidhe adhartach co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig?

PDF file: Dealbh Sgeidse 3 Làn Bhogadh Àrd-sgoil (441 KB)

Ceannardas Foghlam Gàidhlig

Ceistean dùbhlain

  • Dè tha dol gu math leis an ro-innleachd agad airson na Gàidhlig?
  • Dè cho math ’s a tha cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig air am fighe a-steach ann an lèirsinn, luachan agus amasan na sgoile?
  • Dè an ìre ’s gu bheil an sgoil a’ conaltradh ris a h-uile neach-ùidh gus fèin-luachadh a dhèanamh air an t-solar aca a rèir na Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig, an Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig 2017, agus toraidhean sgrùdaidh gus dèanamh cinnteach à Foghlam Gàidhlig de dh’àrd-chàileachd?
  • Cò na com-pàirtichean leis a bheil thu a’ co-obrachadh am beachd eòlas agus sgil a cho-roinn, gnìomh a dhèanamh, atharrachadh a stiùireadh, ceanglaichean a thogail airson dealbhadh curraicealaim agus goireasan a thoirt don churraicealam?
  • Dè cho math ’s a tha àrd-cheannardan a’ toirt comas do luchd-obrach ionnsachadh le agus bho chèile agus ionnsachadh le co-obraichean thar roinnean agus le buidhnean com-pàirteachais?
  • Dè cho math ’s a tha còraichean chloinne agus guth luchd-ionnsachaidh air a chluinntinn ann a bhith a’ cumadh slighe Foghlam Gàidhlig san àm ri teachd?
  • Dè cho math ’s a tha an sgoil/suidheachadh a’ cumail sùil gu bheil clann agus daoine òga a’ faighinn bogadh gu leòr sa Ghàidhlig? Ciamar a chleachdas tu am fiosrachadh seo?
  • Dè tha sònrachadh amasan sìnidh mar phàirt de Dhùbhlan Coileanaidh na h-Alba a’ ciallachadh do dhaoine òga a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus tro mheadhan na Gàidhlig?

PDF file: Dealbh sgeidse 4 Ceannardas Foghlam Gàidhlig (256 KB)

Dealbhan-sgeidse air sgrùdadh ionadan fa leth

Sketchnote - Bun-sgoil Loch Àlainn - Ionnsachadh agus Teagasg Sònraichte Math - A’ faighinn cothrom air Gàidhlig sa choimhearsnachd