Implementation guidance: Gàidhlig - Cur an gnìomh ann an sgoil no ann an suidheachadh coimhearsnachd

Tha trì prìomh eileamaidean ann a bhith a’ cur na dòigh-obrach seo an gnìomh ann an sgoil no ann an suidheachadh coimhearsnachd:

  1. Aontaichibh taic ceannardais
  2. Cruthaichibh cairt guth na h-òigridh
  3. Cleachd am Pasgan Goireasan Cumhachdachadh Guthan na h-Òigridh

Gus an dòigh-obrach seo a thoirt a-steach gu h-iomlan, tha e cudromach taic aontachadh bho cheannardas air feadh an t-suidheachaidh. Gus seo a dhèanamh, feumar dòigh-obrach na h-acainne a mhìneachadh gu h-iomlan. Cleachdaibh an Taisbeanadh Geàrr-chunntas taobh a-staigh earrann nan stuthan taice (ceangal) gus seo a dhèanamh nas fhasa.

Bu chòir do luchd-cleachdaidh taic a chruinneachadh airson:

  • Cruthachadh agus cur an gnìomh Cairt Guth na h-Òigridh airson sgoil no coimhearsnachd. Mìnichidh seo prionnsabalan stiùiridh do dh’inbhich sam bith a tha airson co-chomhairle a chumail ri clann is daoine òga. (Thoiribh an aire - Ma tha cairt guth òigridh na coimhearsnachd no an ùghdarrais ionadail ann mu thràth, dearbhaichibh a cleachdadh taobh a-staigh na sgoile na àite.)
  • Cleachdadh pasgan goireasan Cumhachdachadh Guthan na h-Òigridh le structar(an) guth na h-òigridh san sgoil no san àrainneachd m.e. comhairle nan sgoilearan, comataidh na sgoile, buidhnean-eag-eòlasach msaa.

An toiseach, tha e cudromach faighinn a-mach a bheil cairt guth na h-òigridh ann mu thràth taobh a-staigh an ùghdarrais ionadail. Ma tha cairt Guth na h-Òigridh ann bho ùghdarras ionadail, bu chòir dhuibh seo a chleachdadh gus taic a thoirt do chur an gnìomh na h-acainne, mura h-eil, bu chòir cruthachadh cairt a dhèanamh comasach.

Tha Cairt Guth na h-Òigridh feumail gus taic a thoirt do dhòigh-obrach cunbhalach, aontaichte agus tuigseach gu farsaing airson co-chomhairleachadh le clann is daoine òga.  Tha a’ chairt a’ mìneachadh nam prionnsabalan a bu chòir do gach inbheach a leantainn nuair a bhios iad a’ bruidhinn ri clann is daoine òga.

Tha a’ chairt a’ solarachadh modh gus làn-thuigse a thoirt air an dòigh anns a bheil clann is daoine òga airson ’s gun tèid co-chomhairle a chumail riutha, agus aig an aon àm a’ cruthachadh nam bunaitean a tha deatamach gus dèanamh cinnteach gu bheil co-chomhairle brìoghmhor, neo-shiombalach agus a’ toirt taic do chunntachalachd.

Bu chòir don chairt a bhith air a dhèanamh suas de ghrunn aithrisean agus seantansan tuairisgeulach a leigeas le inbhich tuigse fhaighinn air na prionnsabalan air mar a bu chòir dhaibh obrachadh còmhla ri clann is daoine òga.  Gheibhear eisimpleir de chairt guth na h-òigridh bho sgìre Ghleann Fhoirthe agus Lodainn.

Mar a thèid cairt guth na h-òigridh a cruthachadh

Ceum 1 - Co-comhairle: Cruthaichibh sgrùdadh co-chomhairleachaidh a’ cleachdadh nan ceistean gu h-ìosal mar stiùireadh. Bu chòir co-dhiù trì ceistean coltach ris an fheadhainn gu h-ìosal a bhith san t-suirbhidh. Ma tha sibh mu thràth ag obair le structar guth na h-òigridh leithid comhairle sgoilearan, comataidh no buidheann ceannardais, is dòcha gum bi e comasach dhuibh obrachadh còmhla riutha gus ceistean an t-suirbhidh a leasachadh. Bu chòir an suirbhidh co-chomhairleachaidh a chruthachadh ann an cruth ruigsinneach. 

Co-chomhairle Cairt Guth na h-Òigridh - Adhbhar

Tha an suirbhidh co-chomhairleachaidh na phàirt chudromach de bhith a’ cruthachadh cairt guth na h-òigridh, oir tha e a’ toirt cothrom do chloinn is do dhaoine òga innse do dh’inbhich mar a tha iad airson ’s gun tèid co-chomhairle a chumail riutha. Bidh freagairtean an t-suirbhidh an uair sin a’ cruthachadh bunait cairt guth na h-òigridh. ’S i a’ chairt bunait dòigh-obrach na h-Acainne agus tha i a’ cruthachadh gealladh gum bi inbhich a’ bruidhinn ri clann is daoine òga ann an dòigh stèidhichte air còraichean.

Suirbhidh Co-chomhairle Cairt Guth na h-Òigridh - Eisimpleirean de Cheistean 

·       Ciamar a bu thoil leat gum bruidhinn inbhich riut, nuair a tha iad airson do smuaintean agus do bheachdan a chluinntinn?

·       Dè a dh’fhaodadh inbhich a dhèanamh gus do chuideachadh a’ faireachdainn gu bheilear ag èisteachd riut agus gan gabhail dha-rìribh, nuair a tha iad airson do smuaintean agus do bheachdan a chluinntinn?

·       Dè bu chòir do dh’inbhich a dhèanamh gus dèiligeadh riut gu cothromach agus le spèis, nuair a bhios iad a’ faighneachd do bheachd?

·       Dè a dh’fhaodadh inbhich a dhèanamh gus am bi e nas fhasa dhut tuigsinn dè tha iad ag iarraidh ort?

·       Às dèidh dhut na beachdan agad innse do dh’inbhich mar phàirt de ghnìomhachdan co-chomhairleachaidh, dè bu thoil leat gun dèan iad an uair sin?

Cho luath ’s a bhios an sgrùdadh co-chomhairleachaidh air a chruthachadh, faodar a sgaoileadh air feadh na sgoile no na coimhearsnachd, m.e. a roinn ann an clasaichean, buidhnean òigridh agus cruinneachaidhean. Thoiribh cothrom do chloinn is do dhaoine òga an sgrùdadh a lìonadh, agus aontaichibh clàr-ama airson a chrìochnachadh.

Ceum 2 – Daingnichibh: Cruinnichibh toraidhean an suirbhidh co-chomhairleachaidh. A rèir meud nan freagairtean, is dòcha gum bi e feumail cuid de na freagairtean a ghrinneachadh no an taisbeanadh ann an clàr no ann an duilleag-clèithe. ’S dòcha gum bi sibh airson innealan didseatach a chleachdadh gus taic a thoirt don seo. Dèanaibh cinnteach gu bheil na freagairtean daingnichte ann an cruth a ghabhas tuigsinn le clann is daoine òga.

Ceum 3 – Dèanaibh analais: Cuiribh na freagairtean co-dhlùthaichte bhon t-suirbhidh an cèill do bhuidheann no structar guth òigridh sam bith a tha ann mar-thà taobh a-staigh na sgoile (comhairle nan sgoilearan, buidhnean tosgaire msaa.) Thoiribh ùine do na daoine òga na beachdan a chaidh a thaisbeanadh a sgrùdadh agus thoiribh cothrom dhaibh na cuspairean, na h-aithrisean, na h-abairtean, na faclan agus na beachdan cumanta aithneachadh. Iarraibh air a’ bhuidheann na h-eileamaidean cumanta seo a cho-roinn agus a dheasbad agus an taghadh no an taisbeanadh mar aithrisean. Gus cuideachadh leis a’ phròiseas seo agus gus taic a thoirt do dheasbad le daoine òga, is dòcha gum bi sibh airson iomradh a thoirt air eisimpleir Ghleann Fhoirthe agus Lodainn an Iar no air na 7 Riaghailtean Òra airson Com-pàirteachadh aig Coimiseanair na Cloinne.

Ceum 4 – Cruthaichibh:  Thoiribh taic don òigridh gus na h-aithrisean cumanta a ghabhail agus an cur ri chèile ann an sgrìobhainn cairt guth na h-òigridh. Dèanaibh cinnteach gu bheil cinn-naidheachd agus teacsa tuairisgeulach san sgrìobhainn a mhìnicheas brìgh nan cinn-naidheachd sin. Co-roinnibh iad seo le structar guthan na h-òigridh (agus buidhnean guth na h-òigridh eile mas urrainnear) gus dearbhadh gu bheil iad ceart agus aontachadh air coltas iomlan cairt guthan na h-òigridh.

Ceum 5 – Co-roinnibh: A-nis roinnibh a’ chairt seo air feadh na sgoile agus dèanaibh cinnteach gu bheil i air a taisbeanadh agus air a cumail suas leis a h-uile neach-cleachdaidh agus stiùiriche taobh a-staigh na stèidheachd. ’S dòcha gum bi sibh airson àite a chruthachadh far am faod stiùirichean a’ chairt a shoidhnigeadh, no ’s urrainnear cruthan lèirsinneach nas motha den chairt a chur air ballachan.  

Bu chòir do luchd-cleachdaidh a tha a’ stiùireadh guth na h-òigridh taobh a-staigh na sgoile am pasgan ghoireasan - Cumhachdachadh Guthannan Òigridh (ceangal PPT sònraichte). Tha an goireas seo stèidhichte air prionnsabalan rannsachadh co-aoisean, agus a’ tabhann dòigh phractaigeach airson sgilean chloinne is dhaoine òga a leasachadh gus co-chomhairle a chumail ri an co-aoisean air cuspairean a tha cudromach dhaibh.

Faodar am pasgan seo a chleachdadh aig àm sam bith agus thar ùine sam bith, le molaidhean air mar a chleachdas sibh e air am mìneachadh gu mionaideach anns an earrann ghoireasan Cumhachdachadh Guth na h-Òigridh

Nota: mura h-eil structar guth na h-òigridh aig an sgoil no an coimhearsnachd agaibh, is dòcha gum b’ fheàrr leibh am pasgan ghoireasan Cumhachdachadh Guth na h-Òigridh a chleachdadh le clas sònraichte na àite.