A’ deasachadh curraicealam airson Foghlam tron Ghàidhlig is Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean

Published 12/11/2024.  Last updated 03/12/2024
sourcePractice exemplars schoolLanguages groupsSecondary categoryGaelic

See English version

Mar a ghabhas an goireas seo a chleachdadh airson toraidhean a leasachadh don òigridh ann am Foghlam tron Ghàidhlig

Faodaidh ceannardan stiùiridh, tidsearan ann an sgoiltean agus oifigearan nan ùghdarrasan ionadail feum a dhèanamh dhen sgrùdadh-cùise seo gus meòrachadh is breithneachadh air curraicealam Foghlam tron Ghàidhlig (FtG) sna h-àrd-sgoiltean acasan. Gheibhear ceistean dùbhlain anns a’ ghoireas seo a ghabhas toirt fo bheachd mar thaic do phlanadh airson leasachadh.

Rannsachadh-cùise: An dòigh aig aon sgoil air curraicealam a dheasachadh airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig is Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, Steòrnabhagh / The Nicolson Institute, Stornoway, Comhairle nan Eilean Siar

1. Co-theacsa agus Cùl-fhiosrachadh

Tha an sgrùdadh-cùise seo air a dhealbhadh mar thaic do cheannardan stiùiridh agus tidsearan ann an àrd-sgoiltean, ùghdarrasan ionadail is co-chomainn leasachaidh roinneil (RICan) a bhith a’ leasachadh a’ churraicealaim airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig is Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Ann an deasachadh an sgrùdaidh seo, chaidh caochladh stòrsan a chleachdadh leithid, agallamhan le luchd-obrach is ceannardan stiùiridh aig Àrd-sgoil MhicNeacail.

  • Tha Àrd-sgoil MhicNeacail a’ solar an dà chuid Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) agus Foghlam tro Mheadhan na Beurla (FtB). Tha i stèidhichte ann am baile Steòrnabhaigh, agus a’ frithealadh a h-uile coimhearsnachd ann an Eilean Leòdhais. Gheibhear mu thuaiream 1000 sgoilear air ròl na sgoile.
  • Is ann tro bhogadh cànain a bha daoine òga ann am FMG ag ionnsachadh sna bun-sgoiltean aca. Bho P5, tha iad ag ionnsachadh Fraingis mar dàrna cainnt a bharrachd. Tha dealbhadh a’ churraicealaim aig Àrd-sgoil MhicNeacail a’ toirt cothrom don òigridh ann am FMG ionnsachadh tron Ghàidhlig airson cuid den ùine.
  • Tha a h-uile duine òg ann am FtB ag ionnsachadh Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) mar an ciad chànan a bharrachd (L2) sa bhun-sgoil. Nuair a ghluaiseas daoine òga gu AS1, leanaidh iad orra ag ionnsachadh Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) ann an AS1 is AS2, fhad ’s a tha iad ag ionnsachadh Fraingis no Laideann cuideachd mar dàrna cànanan a bharrachd (L3) mus roghnaich iad cànan airson AS3. Tha slighean ann gu Teisteanasan Nàiseanta do gach tè de na cànanan seo anns an ìre as sine. Bho chionn beagan bhliadhnaichean, fhuair sgoilearan AS6 cothrom air Spàinntis ionnsachadh.
  • Tha an sgoil a’ neartachadh solar FMG, a chòrr air aigne agus cultar na Gàidhlig air feadh na sgoile. Tha amannan ’s a bheilear a’ faicinn ’s a’ cluinntinn Gàidhlig a’ dol am meud, an dà chuid am broinn is a-muigh air na seòmraichean-teagaisg. Chithear seo an dà chuid anns na cuspairean agus tro raon de ghnìomhan far-chlas a thathar a’ lìbhrigeadh air feadh na sgoile. Thugadh fa-near cuideachd gun robh sgoilearan ann am Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (FLG) a’ faighinn buannachd à cothroman meudaichte air Gàidhlig a chleachdadh ann an ghnìomhan far-chlas.
  • Tha planadh Àrd-sgoil MhicNeacail airson Foghlam Gàidhlig na phàirt de Phlana Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar a tha riatanach a-rèir Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.
  • Ghabh Comhairle nan Eilean Siar os làimh Poileasaidh Gàidhlig air Thoiseach ann an 2020. Le sin, ’s ann tro Ghàidhlig mar bhun-roghainn cànain a thèid gach sgoilear a chlàradh ann an Tràth-ionnsachadh, sgoiltean-àraich is sgoiltean, mura roghnaich pàrantan/luchd-cùraim Beurla san àm seo. Thathar an dùil gum bi meudachadh ann an co-roinn nan daoine òga a ghabhas FMG ann an Àrd-sgoil MhicNeacail sna bliadhnaichean ri thighinn mar thoradh air an dòigh bhun-roghainneil seo.

Bu chòir don sgrùdadh-cùise seo a bhith air a chleachdadh an cois Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig agus Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig gus fios a thoirt dha fèin-luachadh airson leasachadh.

  1. Dheasaich an sgoil poileasaidh Gàidhlig a tha mar fheallsanachd don a’ churraicealaim agus feallsanachd-dheimhinneach Ghàidhlig aig an sgoil air fad. Thugadh fios don phoileasaidh le Comhairle Foghlam Alba air Foghlam Gàidhlig agus Stiùireadh Reachdail Bòrd na Gàidhlig air Foghlam Gàidhlig, a chòrr air Plana Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar. Thathar a’ cleachdadh a’ phoileasaidh seo gus FMG agus FLG adhartachadh, an lùib sin, air an làrach-lìn agus mar phàirt den ghluasad Tha e ag aideachadh gu bheil Àrd-sgoil MhicNeacail na sgoil a tha ag adhartachadh foghlam tro dhà mheadhan ionnsachaidh. Chaidh am fiosrachadh seo a chleachdadh mar thoiseach-tòiseachaidh a chomharraicheadh na dh’fheumte dèanamh gus FMG a neartachadh.
  2. Rinn ceannardan stiùiridh sgrùdadh air sgilean luchd-teagaisg a thuigsinn cò a bha comasach air cur ri ionnsachadh agus teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Ghabh an sgrùdadh seo a-steach tidsearan as dòcha nach robh fileanta gu leòr airson teagasg ann an Gàidhlig, ach a b’ urrainn còmhradh ri daoine òga ann an Gàidhlig mar phàirt de dh’ionnsachadh an t-seòmair-sgoile. Tha cothrom aig tidsearan air ionnsachadh proifeiseanta gu sònraichte do FMG bho chom-pàirtichean a dhèanamh a tha a’ gabhail a-steach leasachadh an sgilean cànain gus an urrainn dhaibh teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
  3. Bidh luchd-obrach a tha a’ lìbhrigeadh FMG a’ coinneachadh gu riaghailteach ri Leas-cheannard sgoile (DHT) air a bheil uallach sònraichte airson FMG, agus ri Prìomh-thidsear FMG. Tha iad a’ coinneachadh mar Bhuidheann-obrach Ghàidhlig airson dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig ann an teis-mheadhan ghnothaichean co-cheangailte ri conaltradh proifeiseanta agus obair cholaisteach.
  4. Chuir luchd-obrach plana feabhais ri chèile airson FMG agus FLG anns an robh prìomhachasan a ghabhadh coileanadh is làimhseachadh stèidhichte air an sgrùdadh sgilean air an deach iomradh a dhèanamh ann an [2.2]. Tha an sgoil airson a bhith cinnteach gun cuirear luchd-taice airson Ionnsachadh aig a bheil Gàidhlig gu clasaichean Gàidhlig is FMG.
  5. Aithnichidh ceannardan stiùiridh gu bheil e cudromach gum bi a h-uile neach òg, neach-obrach is pàrant/neach-cùraim mothachail air lèirsinn na sgoile do FMG agus FLG. Airson seo a bhrosnachadh, shuidhich ceannardan stiùiridh slighe ro-innleachdail a tha a’ cur solas air luach cànan is cultar na Gàidhlig a thaobh co-theacsa ionadail, foghlam agus cosnadh na sgoile. Airson seo a thaisbeanadh, bithear a’ coinneachadh ri luchd-obrach, pàrantan, òigridh is com-pàirtichean curraicealaim airson an tuigse air na cothroman a thig à fileantachd sa Ghàidhlig a dhoimhneachadh. Bithear a’ cumail thachartasan sònraichte far an tog cosnaichean is buidhnean aire dhaoine òga mun chaochladh cothroman obrach a tha rim faighinn ann an cultar, cur-seachadan, foghlam is gnothachas nuair a bhios cuideigin fileanta sa chànan. Tha a h-uile tachartas seo a’ gabhail a-steach daoine òga bho FtB air chor ’s gun tèid gach sgoilear an sàs anns a’ Ghàidhlig.
  6. Tha an sgoil an sàs gach bliadhna le pàrantan aig a bheil clann ann am foghlam Gàidhlig Bun-sgoil 7. Thathar a’ cur fiosrachadh gu pàrantan le bileagan is puist-dhealain. Bidh pàrantan agus daoine òga a’ tighinn gu oidhche fhosgailte. Tha na sgoilearan san ìre as sine an sàs ann a bhith ga lìbhrigeadh. An lùib na h-oidhche, thèid coinneachadh ri luchd-obrach is coimhead air ionnsachadh beò, agus tha cuairt na sgoile (le turas don leabharlann) is biadh is deoch air an cur air dòigh dhaibh. Tha an cothrom seo ag amas air an t-slighe oideachaidh on bhun-sgoil chun àrd-sgoil stèidhichte air aois 3-18 a bhrosnachadh; cuideachadh le dealas a thaobh FMG a chumail suas; dèiligeadh ris na draghan aig pàrantan agus an àireamh de sgoilearan ann am FMG a chumail suas is àrdachadh.
  7. Mar phàirt dheatamach de chlàr-ama na sgoile, tha riatanas air Leas-cheannardan is Prìomh-thidsearan am feum as èifeachdaiche a dhèanamh de thidsearan aig a bheil sgilean Gàidhlig gus na cothroman air bogadh FMG a mheudachadh. Bithear daonnan ag ath-bhreithneachadh air ullachaidhean airson sgoilearan a chlàradh ann an clasaichean mar chuideachadh leis a’ chlàr-ama agus an fheum as èifeachdaiche a dhèanamh de luchd-obrach teisteanaichte aig a bheil sgilean Gàidhlig.
  8. Tha siostam taighe na sgoile a’ gabhail a-steach taigh sònraichte do FMG. Thathar a’ trusadh a h-uile sgoilear FMG còmhla ann an cuspairean pragtaigeach agus bun-leasanan, a thèid lìbhrigeadh tron Ghàidhlig. Bheir seo cothrom air tachartasan taighe a chumail tro mheadhan na Gàidhlig. Thar nan ìrean, gheibh sgoilearan FMG foghlam pearsanta agus sòisealta (PSE) ann an Gàidhlig bho AS1-AS6, agus bithear a’ lìbhrigeadh eòlas creideimh agus moraltachd (RME) tron Ghàidhlig air stèidh AS1-AS5.
  9. Tha ùine taoitearachd ri fhaighinn tron Ghàidhlig o AS1 gu AS4, agus thathar ga ullachadh gus dèanamh cinnteach gum faigh sgoilearan FMG, nach gabh Teisteanas Nàiseanta ann an Gàidhlig, Ìre Buileachaidh SCQF ann an Litearrachd Gàidhl. Gheibhear adhartas agus leantainneachd anns na taobhan seo den churraicealam thar nan ìrean. Tha seo a’ gabhail a-steach prògram de thursan leabharlainn, deasachadh bhideothan Gàidhlig, com-pàirteachadh ann am prògram leughaidh, a’ cleachdadh ghiogaileidean is goireasan cuimhneachd ann an AS1-3 nuair a bhios tursan leabharlainn aig AS4, ’s iad a’ coileanadh aonadan Litearrachd Gàidhlig Ùghdarras Teisteanais na h-Alba. Tha an sgoil a’ brosnachadh sgoilearan gus Bogsaichean Nollaig a dheisealachadh airson Tagradh Nollaig Blythswood, a’ leasachadh an comasan mar Shaoranaich Chunntachail is Com-pàirtichean Èifeachdach. Tha Comunn na Gàidhlig a’ solar ion-chuirean cuideachd a thaobh gnìomhan spòrs rè an ama seo.
  10. Tha an sgoil air daoine òga a thracadh fhad ’s a thèid iad tro na h-ìrean agus a’ cho-roinn de dh’oideachadh a tha ri fhaighinn dhaibh tron Ghàidhlig. (Faic Eàrr-ràdh) Mar as motha a chuireas daoine òga eòlas air cuspairean sònraichte ann an AS3, ’s ann as lugha a tha a’ cho-roinn den oideachadh a gheibh iad tron Ghàidhlig ann an AS3.
  11. Tha an sgoil a’ cur cuideam air ath-mhisneachadh is sgilean litearrachd sa Ghàidhlig bho dheireadh galair-sgaoilte COVID-19, gu h-àraidh ann am Foghlam Farsaing Coitcheann. Ann an AS2, tha cuspairean roghnachail nam pàirt de dhealbhadh a’ churraicealaim. Roghnaichidh daoine òga cùrsaichean a rèir an cuid ùidhean far an tagh iad, air stèidh theirmeil, gnìomhachd/clas airson feasgaran Diardaoin. Atharraichidh an taghadh de ghnìomhachdan/chlasaichean gach bliadhna a rèir faotainneachd luchd-obrach is buidhnean com-pàirt. Thugadh a-steach cùrsa roghnachail air ionnsachadh a-muigh ann an seisean 2022-23 agus tha e air a lìbhrigeadh le Comunn na Gàidhlig.
  12. Ann an AS4, gheibhear slighean gu Teisteanasan Nàiseanta don Ghàidhlig, Eachdraidh agus Nuadh-eòlas. Aithnichidh ceannardan stiùiridh gu bheil an leithid seo de dh’ùidh a’ ciallachadh gum feumar smaointinn air an dòigh a bheir iad seo air adhart gu ruige Àrd-ìre. Ann an AS5 is AS6, thuige seo, chan eil ach Gàidhlig ri fhaighinn mar Theisteanas Nàiseanta aig Àrd-ìre no Àrd-ìre Adhartach. Tha Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) cuideachd ri faighinn aig a h-uile rang den teisteanas nàiseanta san ìre as sine.
  13. Am measg na tha an curraicealam a’ tabhann, tha cothroman aig daoine òga air Gàidhlig a chluinntinn, cleachdadh is ionnsachadh ann an seaghan seach raointean is cuspairean a’ churraicealaim fhèin. Tha ceannardan stiùiridh air pàirt nan com-pàirtichean ann am planadh is lìbhrigeadh a’ churraicealaim FMG a mheudachadh. Thar nan ìrean, bidh com-pàirtichean leithid Comunn na Gàidhlig, Fèisean na Gàidheal, BBC Radio nan Gàidheal, MacTV, FilmG, UHI Sabhal Mòr Ostaig, UHI Innse Gall, Bòrd na Gàidhlig agus Tobar an Dualchais a’ lìbhrigeadh ion-chuirean ann an Gàidhlig. Tha na h-ion-chuirean seo a’ filleadh doimhneachd, mion-eòlas, cleachdadh agus dùbhlan a-steach do dh’oideachadh nan sgoilearan. Bidh com-pàirtichean ag adhartachadh nan ceann-uidhe is slighean fàbharach gu ruige cosnadh cuideachd. A chòrr air seo, bidh iad a’ cuideachadh dhaoine òga gus dàimhean a dhèanamh ri fileantaich Ghàidhlig sa choimhearsnachd agus a’ chainnt a bhith air a sìneadh a-nuas eadar ginealaichean. Le bhith a’ faicinn tuilleadh fileantaich sna coimhearsnachdan aca, fàsaidh daoine òga nas mothachaile air feadhainn a bhruidhneas agus a chleachdas Gàidhlig, agus tha iad buailteach Gàidhlig a bhruidhinn riutha nuair a choinnicheas iad ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte. Tha an sgoil air na tachartasan Latha na Gàidhlig agus Gabh Greim aice fhèin a leudachadh agus gus Seachdain na Gàidhlig fhilleadh annta, mar sin, a’ sìor neartachadh ìomhaigh agus inbhe na Gàidhlig taobh a-staigh na sgoile.
  14. Tha luchd-stiùiridh na Gàidhlig am broinn na sgoile a’ tuigsinn gun robh pàirt chudromach aig ceannardas làidir bhon Reachdaire is ceannardan stiùiridh eile a thaobh cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig a shuidheachadh aig teis-mheadhan a’ churraicealaim. Tha seo air a bhith deatamach gus inbhe Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte ’s a neartachadh am broinn na sgoile agus airson cur ri feallsanachd-dheimhinneach Ghàidhlig na sgoile.
  15. Tha ceannardan stiùiridh a’ cur cudrom mòr air na daoine òga ud ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla a tha ag ionnsachadh Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) mar chànan a bharrachd. Tha na daoine òga ann an cùrsaichean is prògraman Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air am brosnachadh gus pàirt a ghabhail ann an tachartasan a bheir pailteas oideachaidh is cleachdadh sa chànan amais, rud a bhios taiceil dhaibh a bhith a’ fàs nas fhileanta agus nas misneachaile ann an Gàidhlig. Tro chòmhradh leantainneach, bidh luchd-obrach a’ mìneachadh feallsanachd bogadh is cleachdadh na Gàidhlig, ag iarraidh air daoine òga Gàidhlig a bhruidhinn aig tachartasan Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig gus nach tèid bogadh Gàidhlig an co-aoisean a thanachadh. Tha tuilleadh dhaoine òga a’ leantainn orra le teisteanas Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) anns an ìre as sine mar thoradh air ìomhaigh nas àirde aig Gàidhlig am broinn na sgoile.
  16. Ann am beatha làitheil na sgoile, thathar a’ gabhail a-steach Gàidhlig far a bheil sin comasach ann an conaltradh beòil is sgrìobhte na sgoile. Tha poileasaidh Gàidhlig na sgoile ag iarraidh gun tèid cothrom a thoirt air sgrìobhainnean don sgoil air fad fhaighinn sa Ghàidhlig agus Beurla. Tha na teachdaireachdan tron t-siostam tanoidh air an toirt gu tric ann an Gàidhlig, le beannachdan dà-chànanach gan toirt airson teachdaireachdan sa Bheurla.
  17. Tha leabharlann na sgoile air luach brìghmhor a chur ris a’ churraicealam is aigne Ghàidhlig anns an sgoil. Bidh sgoilearan FMG a-nis a’ dol dhan leabharlann airson taic choitcheann fhaighinn mar phàirt den ùine taoitearachd aca. Tha an sgoil air sgeama leughaidh Gàidhlig a chur an gnìomh thar an Fhoghlaim Fharsaing Choitchinn. Tha an leabharlann air dà sgeilp de leabhraichean-fiosrachaidh a leudachadh gu 4 cisteachan-leabhair le mu 600 leabhar a’ taisbeanadh an iomadh seòrsa de litreachas Gàidhlig a tha ri fhaighinn. Tha seo a’ leasachadh comas buileachaidh ann an Litearrachd (Gàidhlig), gu h-àraidh do na daoine òga ud nach fhaigh cothrom air Teisteanas Nàiseanta Gàidhlig ann an AS4, ach a tha a’ dèanamh aonadan Litearrachd rè Ùine Taoitearachd tro Mheadhan na Gàidhlig. Faodaidh luchd-ionnsachaidh a tha an sàs ann an amannan leabharlainn mar phàirt den chòir Bheurla aca cothrom fhaighinn air na leabhraichean Gàidhlig aig an àm seo. Is e neach-ionnsachaidh Gàidhlig a th’ anns an leabharlannaiche a bhios a’ cleachdadh an sgilean cànain le luchd-ionnsachaidh airson cleachdadh na Gàidhlig àbhaisteachadh taobh a-staigh an leabharlainn. Gheibhear fianais air seo ann an video a chaidh a chlàradh le neach-ionnsachaidh na h-ìre as sine a shealltainn do luchd-ionnsachaidh nas òige mar a dh’fhaodadh iad Gàidhlig a chleachdadh san leabharlann.

Air dhaibh a dhol an-sàs san sgrùdadh-cùise, tha ceannardan stiùiridh is prìomh-thidsearan ann an àrd-sgoiltean, ùghdarrasan ionadail agus Co-chomainn Leasachaidh Roinneil air am fiathachadh gus na ceistean gu h-ìosal a chleachdadh mar chuideachadh le meòrachadh air dealbhadh a’ churraicealaim don Ghàidhlig am broinn nan sgoiltean aca agus ullachadh fa chomhair leasachaidhean far a bheil sin a dhìth.

Ann a bhith a’ breithneachadh air dè cho math ’s a tha an sgoil agaibh a’ lìbhrigeadh curraicealam tro mheadhan na Gàidhlig, agus an lùib nan goireasan a th’ agaibh an-dràsta, gu dè an ìre a tha sibh:

  • a’ cur solar na Gàidhlig aig teis meadhain an obair fèin-luachaidh agus planadh ro-innleachdail airson buaidh a thoirt air an leasachadh?
  • a’ dèanamh cinnteach gur e luchd-obrach le teisteanas iomchaidh aig a bheil Gàidhlig fhileanta a tha a’ lìbhrigeadh FMG?
  • a’ lorg dhòighean air ionnsachadh proifeiseanta a bheir brosnachadh do luchd-obrach gus Gàidhlig ionnsachadh agus fàs nas fhileanta innte fad an cùrsa-obrach.
  • a’ seulachadh gu bheil tuigse aig an luchd-obrach uile air cho cudromach ’s a tha e feallsanachd-dheimhinneach Ghàidhlig a bhith anns an sgoil air fad?
  • a’ lorg chothroman airson tuilleadh co-phàirteachadh den eòlas aig tidsearan eadar an dà chuid bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean?
  • a’ breithneachadh air dè cho math ’s a tha colaistean, buidhnean coimhearsnachd is leasachaidh agus buidhnean Gàidhlig a’ cur ri FMG, a’ gabhail a-steach cleachdadh dhòighean-ionnsachaidh pòsta?
  • a’ feuchainn an gabh taic is clàrachadh coitcheann a sholar tron Ghàidhlig, agus le bhith a’ cur dhaoine òga bho FMG ann an còmhlanan ioma-ìreach?
  • a’ breithneachadh an gabh agus mar a ghabhas PSE agus RME a lìbhrigeadh tro Ghàidhlig thar foghlaim fharsaing choitchinn agus na h-ìre as sine?
  • ag obair le bun-sgoiltean a tha a’ solar Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann am Buidheann nan Sgoiltean Co-cheangailte gus seulachadh nach eil bacadh ga chur air adhartas le bhith ag atharrachadh meadhan an lìbhrigidh?
  • a’ breithneachadh air dè cho math ’s a tha dealbhadh a’ churraicealaim leithid speisealachd, cùrsaichean mathachaidh is roghnachail agus clasaichean maighstireachd air an cleachdadh gus a’ cho-roinn de dh’oideachadh tron Ghàidhlig a mheudachadh?
  • a’ breithneachadh air dè cho math ’s a tha ionnsachadh eadar-chuspaireil air a chleachdadh ann am FMG agus gus ionnsachadh mun Ghàidhlig a bhrosnachadh am measg feadhainn ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla?
  • a’ brosnachadh chom-pàirtichean gus taobhan den churraicealam a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig?
  • a’ breithneachadh air mar a bheir cothroman air euchdan pearsanta agus creideasan proifeiseanta ionnsachadh tron Ghàidhlig gu buil?
  • a’ cleachdadh àm-lòin agus clubaichean an dèidh na sgoile mar chothrom do dhaoine òga air Gàidhlig a chleachdadh?
  • a’ planadh mu choinneamh adhartais bhon BGE gu Nàiseanta 4, Nàiseanta 5 agus Àrd-ìre ann an cuspairean tron Ghàidhlig no teisteanasan eile far a bheil sin so-dhèanta?
  • a’ feuchainn a bheil adhartas bho Àrd-ìre gu ruige Àrd-ìre Adhartach so-dhèanta?

Mar phàirt den bhreithneachadh chunbhalach agaibh air curraicealam FMG, dè cho tric ’s a bhios sibh a’ sgrùdadh a’ cho-roinn de dh’oideachadh a gheibh daoine òga tron Ghàidhlig?

Rinn Àrd-sgoil MhicNeacail tracadh agus sgrùdadh air a’ chuibhreann den ùine ann an àrainneachd bogaidh FMG a gheibheadh neach-ionnsachaidh anns gach buidheann aoise. Bha an obair seo glè fheumail airson taic a chumail ri daoine òga gus am fiosraicheadh iad Foghlam Gàidhlig 3-18 a bha cunbhalach, dòigheil. Tha Àrd-sgoil MhicNeacail a’ seulachadh gum faigh gach duine òg ann am Foghlam na Gàidhlig co-roinn de FMG gus am fàg iad an sgoil. ’S mathaid gum bu mhiann leibh frèam-obrach samhlach a chleachdadh gus solar FMG 3-18 a sgrùdadh ’s a thracadh san t-suidheachadh no sna suidheachaidhean agaibh fhèin.

Year groups involved in tracking and monitoring

Buidheann Aoise

Àireamh de dh’Oileanaich

AS1

52

AS2

48

AS3

42

AS4

44

AS5

41

AS6

25

Iomlan

252 (23.8% de 1055 air rolla na sgoile gu h-iomlan)

Year groups taught in Gaelic and subjects/curricular area

Buidheann Aoise

% den Churraicealam air a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig.

Cuspairean/Raointean curraicealaim FMG

AS1

51%-63%

2 chlas Gàidhlig san t-seachdain

1 Chlas Litearrachd san t-seachdain airson leth-bhliadhna

Gàidhlig agus Litearrachd

Eachdraidh

Nuadh-eòlas

Cruinn-eòlas

Ùine Taoitearachd

Foghlam Creideimh agus Moraltachd

Foghlam Pearsanta agus Sòisealta

Saidheans

Matamataig

Teicnigeach

Fearas-taighe

Ceòl

Beurla

Ealain

AS2

45%-57%

2 chlas Gàidhlig san t-seachdain

Gàidhlig

Eachdraidh

Nuadh-eòlas

Cruinn-eòlas

Ùine Taoitearachd

Foghlam Creideimh agus Moraltachd

Foghlam Pearsanta agus Sòisealta

Saidheans

Matamataig

Teicnigeach

Fearas-taighe

Ealain

AS3

9%-27%

3 clasaichean Gàidhlig san t-seachdain

Gàidhlig

Eachdraidh

Nuadh-eòlas

Ùine Taoitearachd

Foghlam Creideimh agus Moraltachd

Foghlam Pearsanta agus Sòisealta

AS4

9%-33%

4 clasaichean Gàidhlig san t-seachdain

Gàidhlig

Eachdraidh

Nuadh-eòlas

Ùine Taoitearachd

Foghlam Creideimh agus Moraltachd

Foghlam Pearsanta agus Sòisealta

AS5

6%-24%

Gàidhlig

Foghlam Creideimh agus Moraltachd Foghlam Pearsanta agus Sòisealta

AS6

3%-19%

Cothroman air Coileantas nas Fharsainge

Gnìomhachdan Comunn na Gàidhlig (CnaG):

  • Cùrsa Roghnachail AS2 mu Ghnìomhachdan A-muigh
  • Clubaichean aig àm-lòin Diluain-Diardaoin
  • Turas Spòrs Gàidhlig AS1
  • Farpais-cheist Eadar-sgoile AS3
  • Farpais ball-coise AS1

Leabharlannaiche Òg

Pròiseact Eachdraidh Tobar an Dualchais AS3

Òraidean Sabhal Mòr Ostaig a thaobh chùrsaichean/dreuchdan AS4-6

Òraidean Bòrd na Gàidhlig a thaobh dhreuchdan ann am Foghlam AS4-6

Tachartas Dhreuchdan Gàidhlig AS2

FilmG - 3 buidhnean AS1 (CnaG, AS3, AS5)

BBC Radio nan Gàidheal - AS5 ag obair air prògram mun sgoil an-diugh.

BBC Naidheachdan - grunn sgoilearan a rinn agallamh mu 150mh ceann-bhliadhna na sgoile

Am Mòd Ionadail agus Nàiseanta

Iomairt Gràdh-daonna na h-Òigridh - Farpais Bheurla ach le eileamaidean Gàidhlig dèante le sgoilearan FMG AS5

Deasbad Nàiseanta - sgoilearan AS5

Cuirm litreachais bheò (taic-airgid bho Chomhairle Leabhraichean na h-Alba don ùghdar air chèilidh) sgoilearan AS1

Farpaisean Comann Luchd-Teagaisg nan Àrd-sgoiltean

Farpais 50-facal aig Urras Leabhraichean na h-Alba

Turas gu Taisbeanadh Metagama