Co-roinn fianais sgrùdadh sgoile: Ceannardas agus Foghlam Meadhan na Gàidhlig agus Luchd-ionnsachaidh - Bun-sgoile

Published 13/03/2023.  Last updated 09/12/2024
sourcePractice exemplars categoryGaelic

Tha na h-amasan a leanas aig a’ ghoireas seo:

  • taisbeanadh cudromachd co-cheannardais làidir agus lèirsinn cho-roinnte airson Foghlam Gàidhlig.
  • a bhith a’ toirt eisimpleir de cheannardas atharrachail thar ùine co-cheangailte ri fèin-luachadh èifeachdach, co-obrachadh, conaltradh proifeiseanta agus ionnsachadh proifeiseanta da rèir gus buaidh fhaotainn do Fhoghlam Gàidhlig.
  • brosnachadh ath-thogail nas làidire bhon ghalar mhòr-sgaoilte, agus aig a’ cheart àm ag aithneachadh mar a dh’fhaodadh teicneòlas cuideachadh ann an ruigsinn an amais seo.
  • co-roinn mar a tha luchd-cruthachaidh a’ churraicealaim a’ brosnachadh chom-pàirtichean agus òganaich ann a bhith a’ cumadh an t-slighe air adhart airson a’ churraicealam tro Mheadhan na Gàidhlig agus Luchd-ionnsachaidh.

Sa chiad phàirt: Tha Luchd-sgrùdaidh an Rìgh (HMI) a’ co-roinn prìomh theachdaireachdan bhon raon de fhianais sgrùdaidh a th’ aca airson Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh.

San dàrna pàirt: (bho fhrèam ama 11:00 agus às dèidh sin) Tha àrd-stiùirichean, luchd-teagaisg, daoine òga agus a’ choimhearsnachd bho Chomhairle nan Eilean Siar a’ taisbeanadh mar a tha iad a’ leasachadh càileachd na Gàidhlig agus bogadh nan eadar-obrachaidhean, farsaingeachdan agus eòlasan.

Ceistean Dùbhlain:

  • Dè na feartan de chleachdadh èifeachdach a tha ri ur miann san fhilm seo? Ciamar as urrainn dhaibh sin buaidh a thoirt air luchd-ionnsachaidh?
  • Dè an ìre gu bheil àrd-stiùirichean agus luchd-obrach a’ dol an sàs gu breithneachail anns a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig, Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig 2017,agus toraidhean sgrùdaidh gus Foghlam Gàidhlig de dh'àrd chàileachd a dhearbhadh? A bheil an t-astar de leasachadh leantainneach iomchaidh airson buaidh a thoirt orra sin?
  • Dè an ìre gu bheil thu a’ cleachdadh guth luchd-ionnsachaidh gus slighe Foghlam Meadhan Gàidhlig agus Luchd-ionnsachaidh a chumadh san àm ri teachd?
  • Dè an ìre gu bheil clann agus daoine òga a’ nochdadh nam buannachdan an lùib ionnsachadh na Gàidhlig agus a bhith a’ sìor fhàs dà-chànanach?
  • Ciamar a tha sgrùdadh is tracadh air adhartas agus coileanadh a’ dèanamh cinnteach gu bheil bunait thèarainte aig clann is daoine òga ann an Gàidhlig mus tòisich iad air sgilean sa Bheurla?
  • Dè na ro-innleachdan a tha èifeachdach ann an teagasg Beurla do chlann agus iad a’ gluasad bho ìre làn bhogaidh chun na h-ìre bogaidh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig?
  • Ciamar a tha com-pàirtichean agus buill den choimhearsnachd a’ cur taic ri curraicealam Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig?
  • Dè cho èifeachdach ’s a tha ur cleachdadh de theicneòlas didseatach gus a’ Ghàidhlig a mheudachadh ’s a leudachadh sa churraicealam? A bheil thu a’ dol an sàs le cothroman leithid e-Sgoil, Film-G, An Deasbad Beag?
  • Dè cho math ’s a tha Foghlam Luchd-Ionnsachaidh ga fhighe a-steach tarsainn a’ churraicealaim tro mhodh-obrach chànanan 1 + 2?
  • A bheil a’ Ghàidhlig ri faicinn agus ri cluinntinn anns an sgoil agus mu thimcheall na sgoile agus a bheil ìomhaigh àrd gu leòr aice aig tachartasan tar-sgoile?

Luchdachaidhean a-nuas

PDF file: Challenge questions (77 KB)

PDF file: Challenge questions - Gaelic version (73 KB)

PDF file: Sharing Inspection Finding - slides (308 KB)

PDF file: Key translations from Gaelic text (121 KB)